Arc-eòlas Blàr Chùil Lodair (GHÀIDHLIG)
Air 16 Giblean 1746, choinnich feachdan an riaghaltais fo Dhiùc Cumberland agus na feachdan Seumasach aig Blàr Chùil Lodair, às dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.
Chaidh droinneadh a dhèanamh air na Seumasaich aig a’ bhlàr seo faisg air Inbhir Nis air a’ Ghàidhealtachd.
Chaidh sgeulachd a’ bhlàir innse ann an iomadach obair bàrdachd, ficsean, tèatair agus air an sgrion, agus tha e fhathast na thachartas a tha a’ togail faireachdainnean làidir agus mu bheil daoine fhathast a’ bruidhinn an-diugh.

The Jacobite Memorial Cairn at Culloden Battlefield (© VisitScotland / Kenny Lam)
B’ e Cùil Lodair fear de na ciad raointean blàir ann an Alba air an deach sgrùdadh arc-eòlach a dhèanamh. Bho thòisich obair ann an 2001, tha cladhach air leantainn fo stiùireadh Urras Nàiseanta na h-Alba mar phàirt de Phròiseact Cuimhneachaidh Blàr Chùil Lodair.
Tha iomadh clàr ag innse dhuinn gun do chruinnich muinntir an àite peilearan agus pìosan armachd às dèidh a’ bhlàir agus gun do chùm iad iad mar nithean luachmhor. Mar sin, cha robh e soilleir na bha fhathast ri lorg. Ach ged a rinneadh spùinneadh san ochdamh linn deug, tha arc-eòlaichean air tòrr nithean a lorg a’ gabhail a-steach buill musgaid, mìrean mortair, bucaill agus putain. Tha tòrr dhiubh seo air an taisbeanadh mar phàirt den taisbeanadh mhaireannach aig Ionad luchd-tadhail Chùil Lodair.*
Chaidh crois bheag feòdair a lorg faisg air Bothan Leanach cuideachd, is dòcha gun robh i na seun no na tiodhlac bho neach-gaoil. Mar thoradh air a bhith a’ mapadh nan nithean a chaidh a lorg, thathar air am beachd a chur air adhart gur dòcha gun do thachair am blàr air pìos talmhainn nas motha na bhathar an dùil an toiseach.

Old Leanach Cottage on Culloden Battlefield (© VisitScotland / Kenny Lam)
Faisg air an àite far an do choinnich an dà fheachd aghaidh ri aghaidh, bha mìrean de bhomaichean mortair ann, a bhiodh air an losgadh a-steach do na Seumasaich gus stad a chur air an ionnsaigh aca. Dh’fhaodadh cumhachd nam bomaichean sin suas ri fichead duine a leagail aig an aon àm, agus mar sin, tha e iongantach gun do ruig na Seumasaich sreath toisich an Riaghaltais idir. Leis gun deach na mortaran a losgadh aig ìre cho faisg, a’ cur beatha feachdan Shasainn ann an cunnart, tha e a’ sealltainn nach robh na Sasannaich an dùil gum faigheadh na Seumasaich cho faisg ’s a rinn iad orra agus gun robh ionnsaigh nan Seumasach tòrr na bu treasa na bhathar an dùil an toiseach.
Is e an claigeann seo an aon phìos de chnàmhlach daonna bho Bhlàr Chùil Lodair a chaidh a lorg agus tha e air a chumail ann an cruinneachaidhean Taigh-tasgaidh Talla nan Lannsairean. Chaidh an duine a mharbhadh le peilear musgaid, agus chithear an leòn inntrigidh is fàgail gu soilleir anns a’ mhodail Sketchfab seo. Tha e do-dhèanta a ràdh an robh a’ chriomag claiginn de Sheumasach no de shaighdear Hanòbhair.
Bhon t-seòrsa leòintean, tha e coltach gun robh an duine a’ coimhead sìos nuair a chaidh a bhualadh. Tha mìneachaidhean air seo a’ gabhail a-steach gun robh an duine a’ coimhead air an talamh fhad ’s a bha an ionnsaigh a’ dol air adhart, no gun deach a leòn mar-thà agus gun robh e air a mhàgan, no gun deach a bhualadh fhad ’s a bha e ag ath-luchdachadh a mhusgaid.
Tha ùidh mhòr aig arc-eòlaichean ann an làrach Blàr Chùil Lodair fhathast, agus tha na tha ri lorg ann a’ cuideachadh le bhith a’ faighinn a-mach na thachair air fear de na làithean as cudromaiche ann an eachdraidh na h-Alba. Ged a tha na thachras dhan raon-bhlàir san àm ri teachd mì-chinnteach, faodaidh a h-uile duine tadhal air agus urram a thoirt dhan fheadhainn a chailleadh. Tha e cudromach cuimhneachadh nach e dìreach gu bheil na nithean a chaidh fhàgail às dèidh a’ bhlàir nan comharrachaidhean dòchais mu dheireadh aig adhbhar nan Seumasach, ach gu bheil iad cuideachd nan criomagan bho na h-uairean mu dheireadh aig na daoine air gach taobh den bhlàr a chaill am beatha air an làraich sin.
SGRÌOBHTE LE SALLY PENTECOST, OIFIGEAR CONALTRAIDH IS THACHARTASAN, DIG IT! EADAR-THEANGAICHTE LEIS AN DR ALASDAIR MACCALUIM
* Ma tha thu a’ smaoineachadh gu bheil thu air rudeigin a lorg ann an Alba a tha cudromach gu h-arc-eòlach, tha e na dhleastanas laghail ort aithris a thoirt do dh’Aonad nan Ulaidh.
Dealbh cinn: © VisitScotland / Kenny Lam
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
