Menu

AN SPÀINN AGUS ALBA: ÀRC-EÒLAS AR-A-MACH SEUMASACH 1719 (GHÀIDHLIG)

AN SPÀINN AGUS ALBA: ÀRC-EÒLAS AR-A-MACH SEUMASACH 1719 (GHÀIDHLIG)

B’ e ar-a-mach nan Seumasach ann an 1719 an t-aon ionnsaigh Seumasach a rinneadh le taic nan Spàinnteach. Ann an còmhragan roimhe, b’ iad na Frangaich a chuidich na h-Albannaich a bha dìleas do na rìghrean Stiùbhartach a bha air fògradh.

Bha an t-ar-a-mach goirid ach dian seo a’ feuchainn ri  Seumas Frangan Èideard Stiùbhart a chur dhan rìgh-chathair. Thàinig e gu crìch às dèidh call nan Seumasach aig Blàr Ghleann Seile, mu 45 mìle an ear dheas air Inbhir Nis), ach chruthaich e taic às ùr do dh’adhbhar nan Seumasach. Chaidh an caisteal Albannach meadhan-aoiseil suaicheanta Eilean Donnain a sgrios mar thoradh air a’ bhlàr agus bhuannaich feachdan Bhreatainn ann an Gleann Seile, aon de ghlè bheag de raointean-blàir far a bheil daingnichean an raon-bhlàir air mairsinn.

Read in English

IONNSAIGH AIR EILEAN DONNAIN

Bha cogadh air a bhith a’ dol air adhart eadar Breatainn agus an Spàinn fad bliadhna anns a’ Mhàrt 1719, nuair a chaidh cabhlach ionnsaigh Spàinnteach, a bha a’ giùlan nam mìltean de shaighdearan, a sgrios le stoirm agus a dh’fhàillig orra a dhol air tìr air costa Shasainn. Ach thàinig feachd nas lugha de shaighdearan-mara Spàinnteach air tìr, fo cheannas Iarla Dhùn Fhoithear, agus rinn iad campa ann an Eilean Donnain. Chaidh 500 fir bho Chlann MhicCoinnich leis an iarla agus dh’fhalbh iad a dh’Inbhir Nis, a’ fàgail gearastan de 40-50 saighdear-mara Spàinnteach ann gus an caisteal agus armachd nan Seumasach a dhìon.

Mìos às dèidh seo, ràinig trì longan cogaidh aig a’ Chabhlach Rìoghail Loch Aillse agus chuir iad seachad dà latha a’ losgadh air a’ chaisteal. Chaidh na saighdearan Breatannach air tìr air feasgar 11 Cèitean agus ghlac iad an caisteal gun mòran strì, a’ cur nan geàrdan an greim agus chuir iad seachad an ath 48 uairean a thìde a’ frasadh a’ chaisteil gu làr a’ cleachdadh fùdar-gunna nan Seumasach. Cha deach an tobhta air an eilean atharrachadh airson 200 bliadhna ach an uair sin, chaidh an caisteal ath-thogail san fhicheadamh linn le cuideachadh bho chlachair. Thathar ag ràdh gum faca e ro-shealladh den chaisteal ath-thogte ann an aisling.

Chaidh ath thogail gu ìre mhòr a’ leantainn plana a’ chaisteil mar a bha e dìreach mus deach a sgrios; tha am prìomh thùr na mhodail den taigh-tùir bhon 14mh linn. Gheibhear lorg fhathast air enceinte an 13mh linn (am balla cuairteachaidh daingnichte), agus tha beagan fiù ’s air fhàgail den structar as tràithe air an eilean; balla dùn clach-loisgte meadhan-aoiseil (far a bheil creagan leaghte ri chèile fo theas dian gus structar dìon làidir a dhèanamh) agus na tha air fhàgail de chàrn shligean.

Photo of a small square medieval-like castle on an island in a loch, connected to the mailand by a small arched bridge.

Caisteal Eilean Donnain air Loch Dubhthaich air an Dòrnaidh (© VisitScotland / Kenny Lam)

BLÀR GHLEANN SEILE

Aig a’ cheart àm, bha an t-iarla agus na feachdan aige air faighinn a-mach gun robh saighdearan an riaghaltais air Inbhir Nis fhàgail airson a dhol nan aghaidh, agus mar sin stèidhich na Seumasaich, nam measg an Gàidheal ainmeil Rob Ruadh MacGriogair , àite dìon ann am beul cumhang a’ bhealaich ann an Gleann Seile. Thòisich am blàr air an fheasgar air 10 Ògmhios, nuair a chaidh feachdan an riaghaltais a dh’ionnsaigh dìonan nan Seumasach.

Chleachd na Breatannaich mortaran Coehorn (gunnaichean tollaidh – bore guns – aotrom a chaidh a dhealbhadh leis na Duitsich) gus ionnsaigh a thoirt air na Seumasaich. Às dèidh trì uairean a thìde, bha aig na Seumasaich ri tarraing air ais. Ghèill na saighdearan-mara Spàinnteach às dèidh sin agus chaidh an giùlan a Dhùn Èideann mar phrìosanaich.

B’ e Gleann Seile an t-aon bhlàr ann an Ar-a-mach Seumasach 1719 agus, gu fortanach, cha deach mòran dhaoine a mharbhadh air taobh seach taobh (ged a thathar den bheachd gun deach barrachd Ghàidheal a mharbhadh na luchd an riaghaltais). Tha ainm na beinne mu choinneamh làrach a’ bhlàir a’ cuimhneachadh ainm a’ bhlàir: Sgùrr nan Spàinnteach.

Photo of a replica mortar, a small rectangular wooden base with a small metal canon protruding from the top.

Mortar Coehorn ann am Fort King George, Darien, Georgia, SA (Buidheachas airson an deilbh: Jud McCranie via Wikimedia Commons, CC BY SA 4.0)

FUIGHEALL ÀRC-EÒLACH

Gheibhear fuigheall daingnichean nan Spàinnteach agus nan Seumasach  air na bruthaichean ann an Gleann Seile. Nam measg, tha sreath de bhruaichean is dìgean, agus bacaidhean cloiche garbh a tha air mairsinn air bruthaichean a tuath a’ ghlinne. Faodaidh tu tadhal air a’ Ghleann fhathast agus na tha air fhàgail fhaicinn dhut fhèin.

Sheall suirbhidh cruth-tìre a rinneadh ann an 1997 gun robh measgachadh de dh’obair-uchd cloiche, cùirn agus feartan structarail sa ghleann a dh’fhaodadh a bhith a’ buntainn ris a’ bhlàr agus na h-uaighean a chaidh a thogail às dèidh sin. Thathar den bheachd gun deach faing chaorach no ghobhar, a bha ann mar-thà a chleachdadh aig àm a’ bhlàir gus bagaiste nan Seumasach a dhìon.

Ann an 2015 agus 2018, rinn Urras Nàiseanta na h-Alba cladhach gus tuilleadh fhaighinn a-mach mun bhlàr. A’ cleachdadh pasgan sgrùdaidh GPS , bha e comasach dhaibh na bha air fhàgail den raon-catha a lorg taobh a-staigh ceudameatair. San Ògmhios 2019, lorg an sgioba na tha air fhàgail de bhall musgaid agus slige mortar, a’ chiad fhuighill a chaidh a lorg bhon bhàr.

Photo of a valley floor with a river running along the bottom and a grey stone arched bridge set over the river.

Drochaid Eas nan Arm (Image Credit: Allie_Caulfield via Flickr at , CC BY 2.0)

Translated from English by Alasdair MacCaluim, Gaelic Development Officer at the Scottish Parliament and freelancer Gaelic translator and writer.


Uncover More