Atharrachadh na Gnàth-shìde agus dualchas na h-Alba: Am fios a bu chòir a bhith agad (GHÀIDHLIG)
“Ach bhiodh beagan blàthachadh na cruinne math dhuinn an seo ann an Alba, nach biodh?”
Mas e seo na smaoinich thu nuair a chunnaic thu tiotal an artaigeil seo, na gabh dragh – seo na chanas a’ mhòr-chuid nuair a chì iad na faclan “atharrachadh gnàth-shìde” agus “Alba” san aon t-seantans.
Ach cha robh “blàthachadh na cruinne” na ainm iomchaidh idir airson suidheachadh èiginneach atharrachadh na gnàth-shìde. Ann an iomadh àite san t-saoghal tha atharrachaidhean san t-sìde air a bhith tòrr nas motha is nas fharsainge na atharrachadh san teothachd. An seo ann an Alba, tha an teothachd air èirigh 1°C bho na 1960an, ach tha leudachadh cuibheasach de 20% air a bhith ann leis an ìre de dh’uisge. Seadh, tha an dùthaich nas fhliche mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde agus leanaidh an treand seo. Mar sin, nuair a bhiodh do sheanmhair ag innse dhut nach robh an t-uisge ann cho tric nuair a bha i na nighean, tha deagh sheans gun robh i ceart.

Buidheachas airson an deilbh: David Harkin, Neach-saidheans Atharrachadh na Gnàth-shìde aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Mar sin, tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ ciallachadh gluasad gu geamhraidhean nas blàithe is nas fhliche agus samhraidhean nas teotha is nas tiorma. Ach dè tha seo a’ ciallachadh airson an dualchais againn: airson àiteachan leithid caistealan, tursachain, agus fiù’s nithean a tha fhathast air an tìodhlacadh is nach deach a lorg fhathast? Uill, ’s ann a tha e a’ ciallachadh gum feum sinn obrachadh nas cruaidhe gus an gleidheadh: ’s e atharrachadh na gnàth-shìde fear de na dùbhlain as motha a tha ro arc-eòlaichean agus proifeiseantaich dualchais san 21mh linn.
“AM BU CHÒIR DRAGH A BHITH ORM MU ATHARRACHADH NA GNÀTH-SHÌDE ANN AN ALBA?”
Ach ged a tha seo uile gu math eagallach, tha sinn fortanach gu bheil buidhnean is coimhearsnachdan air feadh na dùthcha a tha a’ dèanamh sàr obair gus na làraichean arc-eòlais againn a dhìon an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Cuidichidh iomairtean fo-gnìomhach, obair dìon agus rannsachadh uile gus ar dualchas a dhìon an aghaidh a’ chunnairt seo airson ginealachdan ri teachd.
GNÌOMHACH A THAOBH NA GNÀTH-SHÌDE
Tha Cearcall Brodgar air aon de na heinnseachan as motha à Linn Ùr na Cloiche ann an Alba, agus tha e ann am meadhan cruth-tìre deas-ghnàthach a tha 5,500 bliadhna a dh’aois, ris an canar an-diugh Làrach Dualchas Cruinne Cridhe Linn Ùr na Cloiche ann an Arcaibh. Mar a bhiodhte an dùil, tha daoine a’ tighinn nan dròbhan bho air feadh an t-saoghail gus an làrach air leth seo agus gus an cruth-tìre fhaicinn.
Ged is e deagh naidheachd a tha seo dhan gnìomhachas turasachd Arcach, dh’adhbharaich samhraidhean nas fhliche agus àireamhan de luchd-tadhail a bha a’ sìor fhàs droch bhleith mhillteach timcheall air na tursachan. Chan e a-mhàin gun robh seo a’ dèanamh cron air an làraich fhèin, bha e cuideachd a’ dèanamh damaiste air feartan agus nithean arc-eòlach tìodhlaichte san sgìre.

Chaidh fios a chumail ri luchd-turais mu na h-adhbharan airson an dùnaidh agus mu na dùbhlain bho atharrachadh na gnàth-shìde leis na soidhnichean feumail seo (Buidheachas airson an deilbh: Learning from Loss project)
Am fuasgladh? Cho-dhùin Seirbheis Maor-Dùthcha Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an Cearcall Brodgar leth a-staigh a’ chearcaill a dhùnadh fad seusain gus am biodh cothrom aig na staranan ath-ghineadh. Bidh an sgioba a-nis a’ cumail sùil gu faiceallach air àireamh an luchd-tadhail agus air bleith san làraich (a’ cleachdadh dealbhan bhon adhar agus dàta didseatach) agus bithear a’ brosnachadh luchd-turais gus cumail ris na frith-rathaidean gus cuideachadh leis an duilgheadas seo (is urrainn dhut barrachd ionnsachadh mun obair chudromach seo an seo).
A’ DÌON LÀRAICHEAN DUALCHAIS NA H-ALBA
Tha stoirmean nas trice agus èirigh ìre nan cuan a’ cur làraichean dualchais air a’ chosta ann an cunnart – làraichean a tha gu math pailt anns an dùthaich eileanach seo. San àm a dh’fhalbh, bha an costa math mar àite dìonach, deagh àite gus daingeann a thogail, mar eisimpleir Caisteal Tantallon ann an Lodainn an Ear.
Agus chaidh coimhearsnachdan eile a thogail fada a-steach dhan tìr ach tha atharrachaidhean sa chosta a’ ciallachadh gu bheil iad nas fhaisg air a’ mhuir san latha an-diugh. Tha seo fìor a thaobh Skara Brae – am baile còmhnaidh as sine ann an Alba – a bha mu mhìle air falbh bhon chladach nuair a chaidh a thogail an toiseach.

Skara Brae (Buidheachas airson an deilbh: © VisitScotland / Kenny Lam)
Tha na structaran 5,000 bliadhna a dh’aois aig Skara Brae a-nis air oir na creige, an dèidh dhaibh a bhith air an nochdadh le stoirm air ais ann an 1850 an toiseach. Tha balla mara air a bhith a’ dìon na làraich airson faisg air 100 bliadhna ach fiù ’s leis a seo, chaidh cuid den làraich a mhilleadh leis na stoirmean brùideil a bhios a’ bualadh air na h-eileanan a tuath tro mhìosan a’ gheamhraidh.
A bharrachd air sin, tha dealbhan dròn a’ sealltainn gu bheil aghaidh a’ bhearraidh aig oirean a’ bhalla-mhara a’ bleith barrachd, leis gu bheil tonnan air am briseadh bhon bhalla chruaidh dhan chloich nas buige timcheall air. Tha ballachan mar am fear seo (agus aig Dùn Midhowe ann an Rousay, a chithear san dealbh gu h-ìosal) a’ dèanamh deagh obair gus iomadh baile, dùn agus caisteal a dhìon (cùm sùil a-mach airson ballachan-mara an ath thuras a bhios tu fhèin aig làrach air a’ chosta – is dòcha gun cuir e iongnadh ort cho pailt ’s a tha iad!), ach chan eil iad freagarrach airson a h-uile làrach cladaich againn.

Balla mara a’ dìon Dùn Midhowe ann an Rousay (Buidheachas airson an deilbh: Hannah Genders-Boyd)
A’ DÈANAMH RANNSACHADH AIR BUAIDH NA GNÀTH-SHÌDE
Tha rannsachadh agus sgrùdadh cuideachd nan innealan luachmhor agus sinn a’ freagairt air atharrachadh na gnàth-shìde oir chan eil làn thuigse againn air mòran de na pròiseasan a tha ag adhbharachadh cron air làraichean arc-eòlais fhathast. Tha urras SCAPE a’ toirt luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Chill Rìmhinn agus Saoranaich-saidheans de gach aois is gach seòrsa còmhla gus sùil a chumail air costaichean na h-Alba. Tha fios againn gu bheil ìrean na mara ag èirigh, gu bheil sinn a’ faicinn barrachd stoirmean, agus gu bheil bleith aeolian (ris an canar “gaoth” cuideachd) a’ toirt buaidh air làraichean cladaich, ach chan eil e cinnteach fhathast dè a’ bhuaidh a tha aig seo, agus càite.

Arc-eòlaichean agus saor-thoilich ag obair còmhla gus làrach bho Linn an Iarainn a chlàradh sa Bhaile Shear, Uibhist a Tuath, Na h-Eileanan Siar (Buidheachas airson an deilbh: Pròiseact Dualchas Costa na h-Alba ann an Cunnart)
Air an adhbhar seo, nì saor-thoilich suirbhidhean air cor nan làraichean air a’ chosta gus faicinn an robh atharrachadh sam bith ann. ’S e iomadaidh nan làmh a nì an obair aotrom, agus eatorra bidh Sgioba SCAPE a’ cumail sùil air na ceudan de làraichean timcheall air costa na h-Alba. Bhon obair seo, gheibh sinn tuigse air cuine a tha sinn an dùil a thig ìrean bleith-thalmhainn cunnartach do làraichean. Tha dòighean eile airson sùil a chumail air atharrachaidhean ann am bleith cladaich air tighinn bho phròiseactan maoinichte le Riaghaltas na h-Alba mar Dynamic Coast agus tha iad a’ gabhail a-steach sgrùdaidhean dròn, coimeasan eadar mapaichean, agus a’ cleachdadh GPS gus an oirthir chaochlaideach a mhapachadh.
Is e droch naidheachd do dh’Alba agus dhan t-saoghal a th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde, ach tha an obair chruaidh agus an tionnsgalachd inntinneach a tha e air adhbharachadh air feadh na dùthcha gu math brosnachail. Ann an iomadh dòigh, tha an suidheachadh èiginneach cruinneil seo a’ toirt dhuinn cothroman inntinneach gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air làraichean arc-èolach agus tha e tasgaidhean ùine agus airgead mòra a bhrosnachadh.

Cearcall Brodgar, Cridhe Linn Ùr na Cloiche ann an Arcaibh (Buidheachas airson an deilbh: © VisitScotland / Kenny Lam)
Dè an t-àite a th’ agad ann an seo uile ma-thà? Uill, ma tha thu a’ fuireach air a’ chosta agus airson leisgeul a bhith agad a dhol a-mach, b’ urrainn dhut làraichean a sgrùdadh le SCAPE. Cuideachd, is urrainn dhuinn uile a bhith mothachail air far a bheil sinn a’ cur ar casan nuair a thadhlas sinn air làraichean – agus mu dheireadh (agus seo an rud as cudromaiche) is urrainn dhuinn na h-eimiseanan carboin againn a ghearradh.
Aig an àm seo fhèin, ’s e a bhith a’ lùghdachadh na luirg carboin againn an rud as cumhachdaiche as urrainn dhuinn dèanamh gus na làraichean arc-eòlasach agus an dualchas beartach againn, air a bheil sin uile cho dèidheil a dhìon. An ath thuras a thèid thu dhan bhùth air do bhaidhsagal seach sa chàr, bidh thu a’ cumail taic ri dualchas na h-Alba san àm ri teachd.
Nì seo feum do làraichean air feadh na dùthcha agus bidh na ginealaichean ri tighinn taingeil gum faigh iad cothrom tlachd fhaighinn asta mar a fhuair sinne.
Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu na tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ dèanamh a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde, thoir sùil air a’ Phlana Ghnìomh aca agus air an stiùireadh fheumail aca a thaobh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
LE HANNAH GENDERS-BOYD, ARC-EÒLAICHE LE FREUMHAN ANN AN IOMAIRTEAN NA GNÀTH-SHÌDE. BHO RINN I SGRÙDADH AIR FREAGAIRTEAN EACHDRAIDHEIL DO MHÒR-THUBAISTEAN NÀDARRA MAR PHÀIRT DEN FHO-CHEUM AICE ANN AN OILTHIGH DHÙN ÈIDEANN, THA HANNAH AIR GLUASAD A-STEACH DO BHEATHA-OBRACH EADAR-MHEASGTE, BHO DHUALCHAS GNÀTH-SHÌDE LE ÀRAINNEACHD EACHDRAIDHEIL ALBA, GU GNÌOMHACHD IONADAIL LE XR, A’ DOL AN SÀS LE ROINN AN ARC-EÒLAIS CHOIMEIRSEALTA AGUS TURASACHD SEASMHACH AIR AN T-SLIGHE. CHUIR I CRÌOCH AIR MAIGHSTEARACHD RANNSACHAIDH ANN AM PALAEOCOLOGY ANN AN OILTHIGH NA GÀIDHEALTACHD AGUS NAN EILEAN, ARCAIBH.
Dealbh cinn: © VisitScotland / Colin Keldie
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
