EALAIN CLOICHE NA H-ALBA: A’ LORG CHRUTHAN-TÌRE SNAIDHTE RO-EACHDRAIDHEIL NA H-ALBA (GHÀIDHLIG)
Gu tric, ’s e na dealbhan uaimh ro-eachdraidheil beairteach agus dathach de bheathaichean san Spàinn agus san Fhraing a’ chiad rud a thig a-staigh oirnn nuair a smaoinicheas sinn air ealain creige. Ach, tha iomadh seòrsa de dh’ealain creige ro-eachdraidheil (ìomhaighean snaidhte agus air am peantadh agus comharran air uachdaran creige nàdarra) aithnichte air feadh an t-saoghail, a chaidh a chruthachadh bho co-dhiù 40,000 bliadhna air ais chun an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach cuid ann an Alba.
CRUTHAN-TÌRE SNAIDHTE NA H-ALBA
Tha cuid de na seòrsaichean sgeadachaidh as sine ann am Breatainn agus Èirinn bho Linn Ùr na Cloiche (c.6,000 – 4,000 bliadhna air ais), nuair a thòisich daoine a’ sgrìobadh, a’ snaidheadh agus is dòcha a’ peantadh nithean a rinneadh bho dhiofar stuthan leithid ceirmeag, clach, cailc, obair-chriadha, fiodh agus cabar. A bharrachd air na nithean snaidhte beag so-ghiùlan seo, shnaidh daoine clachan a chuir iad ann an taighean, mar eisimpleir an fheadhainn ann an Skara Brae (Arcaibh), no cuimhneachain tìodhlacaidh, mar eisimpleir uaigh-trannsa Pickaquoy (Arcaibh). Is urrainn dhut coimhead air àrd-doras sgeadaichte à Pickaquoy gu h-ìosal.
Tha e follaiseach gun robh na cruthan-tìre far an robh daoine a’ fuireach san àm a dh’fhalbh fìor chudromach cuideachd oir bha iad seo air an sgeadachadh cuideachd. Chaidh na mìltean de chreagan agus ulpagan nàdarra a tha sgapte air feadh cruthan-tìre na h-Alba a shnaidheadh ann an Linn Ùr na Cloiche (c.6,100 bliadhna gu 4,500 bliadhna air ais) agus tràth ann an Linn an Umha (eadar c4,500 bliadhna air 2,800 bliadhna air ais). Chaidh an ealain creige a chruthachadh le bhith a’ bualadh uachdar na creige (gu tric còmhnard agus co-rèidh ris an talamh) le innealan cloiche no molagan aibhne mòra – dòigh ris an canar ‘pecking’.
Is e iad na samhlaidhean as cumanta an rud ris an can sinn ‘comharra cupa’ (sloc beag cruinn a tha air a snaidheadh a-steach dhan chloich) agus ‘moitif cupa is cearcaill’, far a bheil comharra cupa air a chuairteachadh le co-dhiù aon chearcall co-mheadhanach (concentric). Tha mòran eadar-dhealachaidhean anns na moitifean sin. Uaireannan tha iad a’ nochdadh leotha fhèin, no tha iad air an ath-aithris air pannal (uachdar cloiche snaidhte) agus gu tric tha iad air an ceangal le loidhnichean lùbach.

Chaidh a’ mhòr-chuid de shnaidheadh ann an Alba a dhèanamh air uachdar còmhnard aig ulpagan is creagan, gu tric co-rèidh leis an talamh (ScRAP agus Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba).
3,000+ PANNALAN, NA MILTEAN DE SHAMHLAIDHEAN
Tha fios air a bhith againn air ealain cloiche ro-eachdraidheil na h-Alba bhon 19mh linn. Airson còrr is 150 bliadhna, tha luchd-rannsachaidh proifeiseanta agus neo-dhreuchdail air a bhith a’ lorg agus a’ clàradh nan gràbhalaidhean inntinneach sin, agus tha an obair-raoin farsaing aca air cur gu mòr ris an eòlas a th’ againn air Alba bho chionn na mìltean de bhliadhnaichean. Tha ealain creige ro-eachdraidheil coltach ri seo ri fhaicinn ann an àiteachan eile ann am Breatainn agus taobh an iar na Roinn Eòrpa, a’ gabhail a-steach Èirinn, an Spàinn agus Portagal, a’ sealltainn nan ceanglaichean fad-ùine eadar na sgìrean sin.

Is iad comharran cupa no cupannan agus cearcallan samhlaidhean as suaicheanta san traidisean snaidhidh seo, ris an canar cuideachd Ealain Cloiche Atlantaigeach (ScRAP is Àrainneachd Eachdraidheil Alba)
Tha fios againn air còrr is 3,000 clachan snaidhte ann an Alba. Tha cuid de sgìrean ainmeil airson an uiread de dh’ealain cloiche ghrinn mar eisimpleir Gleann Chille Mhàrtainn (Earra-Ghàidheal), far am faigh thu na ceudan de phannalan a tha a’ gabhail a-steach clachan ainmeil a’ Chàirn Bàin no Achadh nam Breac, agus Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh leis a’ bhuidheann shnaidhte iongantach aige ann an Druim Trodain. Tha na h-ealain cloiche anns an dà sgìre sin a’ nochdadh measgachadh farsaing de mhoitifean agus gu tric pannalan le làn obair sgeadachaidh, agus tha iad ainmeil mar eisimpleirean suaicheanta eadar-nàiseanta de ro-eachdraidh na h-Alba. Ann an àiteachan eile tha nas lugha de phannalan no dealbhan nas sìmplidh ann, agus gu h-inntinneach tha pàirtean de dh’Alba cuideachd, leithid meadhan na Gàidhealtachd, far a bheil e coltach nach eil ealain creige idir ann.
Ach, a dh’aindeoin nan iomadh cunntas, ìomhaigh agus obair acadaimigeach mun deidhinn, chan eil mòran fios againn fhathast cò a chruthaich an ealain cloiche agus carson.
PRÒISEACT EALAIN CLOICHE NA H-ALBA (SCOTLAND’S ROCK ART PROJECT – SCRAP)
Chaidh Pròiseact Ealain Cloiche na h-Alba (ScRAP) a stèidheachadh ann an 2017 gus mothachadh àrdachadh agus gus cur ris an tuigse againn mu ghràbhalaidhean ro-eachdraidheil ann an Alba. Ann an co-obrachadh le 11 sgiobaidhean coimhearsnachd a bha air an trèanadh, bha am pròiseact ag amas air ealain cloiche a chlàradh air feadh na dùthcha a’ cleachdadh modh-obrach coitcheann, a’ toirt a-steach a bhith a’ cruthachadh mhodalan 3D airson a h-uile pannail.

Tha teicneòlasan didseatach ùra leithid modaladh 3D a’ cuideachadh arc-eòlaichean rùintean nan ealain cloiche fhuasgladh le bhith a’ nochdadh mion-fhiosrachadh mu na gràbhalaidhean a tha doirbh fhaicinn ann an dòigh sam bith eile (ScRAP agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba)
Gu ruige seo tha na sgiobaidhean air còrr is 1,600 pannal a chlàradh, a tha uile rim faighinn gu poblach air làrach-lìn ScRAP, agus chruthaich iad na ceudan de mhodalan 3D a tha rim faicinn air a’ chunntas Sketchfab (agus an seo cuideachd). Tron stòr-dàta mhionaideach a chaidh a cho-dhealbhadh le sgiobaidhean coimhearsnachd, bidh cothrom aig an sgioba pròiseict agus aig luchd-rannsachaidh san àm ri teachd rannsachadh ùr-ghnàthach a dhèanamh air na gràbhalaidhean sin ann an Alba.
A bheil thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh ùr mu ealain cloiche? Clàraich an-asgaidh airson webinar poblach mu dheireadh an sgioba air 13 Dùbhlachd, a’ cur crìoch air còig bliadhna de rannsachadh air ealain cloiche. Is urrainn dhut barrachd fhaighinn a-mach mu rannsachadh ScRAP air an làraich-lìn aca, le bhith a’ fo-sgrìobhadh dhan litir naidheachd no le bhith a’ leantainn a’ phròiseict air Facebook.
LE JOANA VALDEZ-TULLETT AGUS TERTIA BARNETT (ÀRAINNEACHD EACHDRAIDHEIL ALBA). ’S E JOANA AN NEACH-TAIC RANNSACHAIDH AIG PRÒISEACT EALAIN CLOICHE NA H-ALBA. ANNS AN 17 BLIADHNA AICE DE RANNSACHADH AIR EALAIN CLOICHE, THA I AIR COIMHEAD AIR LÀRAICHEAN BHO
SHEANN LINN NA CLOICHE GU LINN AN IARAINN BHO IBERIA GU BREATAINN IS ÈIRINN. THA TERTIA NA PRÌOMH RANNSAICHE AIG PRÒISEACT EALAIN CLOICHE NA H-ALBA AGUS NA COMPANACH URRAMACH ANN AN OILTHIGH DHÙN ÈIDEANN. THA I AIR A BHITH A’ RANNSACHADH EALAIN CLOICHE AGUS AG OBAIR LE BUIDHNEAN COIMHEARSNACHD FAD CÒRR IS 20 BLIADHNA.
THA PRÒISEACT EALAIN CLOICHE NA H-ALBA NA PRÒISEACT RANNSACHAIDH CÒIG BLIADHNA (2017-2021) AIR A STIÙIREADH LEIS A’ CHOIMHEARNSNACHD, AIR A MHAOINEACHADH LE COMHAIRLE RANNSACHAIDH EALAIN IS DAONNACHD AGUS AIR A RÙITH LE ÀRAINNEACHD EACHDRAIDHEIL ALBA ANN AN COM-PÀIRTEACHAS LE OILTHIGH DHÙN ÈIDEANN AGUS SGOIL EALAIN GHLASCHU.
Dealbh brosnaichte: Tha obraichean-snaidhidh ro-eachdraidheil sgapte air feadh diofar chruthan-tìre air feadh na h-Alba (ScRAP agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba)
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
