FO BH-UAIGH: ÀRC-EÒLAS NAN TÌODHLACAIDHEAN AIR RAOINTEAN-BLÀIR NA H-ALBA (GHÀIDHLIG)
Mar àrc-eòlaich nan raointean-blàir, thèid faighneachd orm gu tric carson nach lorg sinn barrachd thìodhlacaidhean air raointean-blàr? Leughaidh sinn mu na ceudan no fiù ’s na mìltean a’ faighinn bàs air an raon-bhlàir ach a dh’aindeoin sin, chan eil e coltach gu bheil mòran fianais àrc-eòlach againn.
Ach a bheil seo ceart? Agus mur eil, dè an fhianais a th’ againn air tìodhlacaidhean raointean-blàir agus ciamar a gheibh sinn tuigse nas fheàrr orra?
NÒTA AIR DUALCHAS AGUS BEUL-AITHRIS IONADAIL
Tha dualchas is beul-aithris ionadail nam pàirt cudromach de sgeulachd an raoin-bhlàir, ach chan eil iad uabhasach earbsach agus mar sin, chan eil iad cho feumail mas e is gu bheilear a’ lorg àiteachan tìodhlacaidh. Airson Blàr Raon Ruairidh (Coille Chnagaidh) ann an 1689, tha beul-aithris an àite a’ cumail a-mach gun deach cuirp nan saighdearan marbha a thilgeil do dh’Abhainn Garadh ann an Siorrachd Pheairt agus gun deach an giùlan dhan mhuir.
Tha beul-aithris ionadail mu Bhlàr Langside ann an Glaschu a’ cumail a-mach gu bheil mòr-uaighean nam marbh fo lòn-bàta Pàirce na Banrigh ann an Glaschu. Rinneadh aithris air taibhsean ag èirigh bhon uisge thar nam bliadhnaichean le maoir-pàirce agus daoine a’ coiseachd seachad. Chan eil fhios againn a bheil fìrinn sam bith anns an dà sgeulachd seo.

Lòn nam bàtaichean, Pàirc na Banrigh © Copyright Richard Sutcliffe (CC BY-SA 2.0)
TÙSAN FIOSRACHAIDH
Tha sgeulachdan mu thaibhsean a’ grunnachadh ann an uisge lòin math gu leòr, ach tha prìomh thùsan ann an litrichean agus leabhraichean-latha bho dhaoine a chunnaic na thachair tòrr nas luachmhoire do dh’àrc-eòlaichean nan raon-blàir. Is urrainn dhaibh tuairisgeulan cudromach a thoirt dhuinn air càite agus ciamar a chaidh na mairbh a chur nan laighe, gu sònraichte ma chaidh an toirt air falbh agus an tìodhlacadh ann an àite eile às dèidh làimh. Chan eil tùsan a cheart cho earbsach airson blàran nas tràithe san linn mheadhan aoiseach, ach tha iad fhathast fìor fheumail airson a bhith a’ tuigsinn chleachdaidhean tìodhlacaidh às dèidh bhlàran.
Mar eisimpleir, tha Annales of Trokelowe (sgrìobhte le John of Trokelowe, manach Beinidicteach Sasannach agus eachdraiche den cheathramh linn deug) a’ clàradh gun deach ‘gret Lordis’ [Morairean mòra] de dh’inbhe shòisealta nas àirde a thìodhlacadh ann an ‘haly place honrabilly’ [ann an àite naomh le urram]. Thathar a’ dèanamh a-mach gun deach an toirt air falbh bho raon a’ bhlàir gu talamh coisrigte ann an cladh. Ach chaidh an còrr de na saighdearan fhàgail air raon a’ bhlàir is chaidh an tìodhlacadh còmhla ann an ‘gret pyttis’ [slocan mòra ][1].

Rìgh Èideard III a’ cunntadh nam marbh aig Blàr Crécy san Fhraing [2].
THA X A’ COMHARRACHADH AN ÀITE: TÌODHLACAIDHEAN RAOINTEAN-BLÀIR TRÀTHA
Nuair a dh’fhàs gnìomhachas ann an Alba aig deireadh an 18mh agus an 19mh linn, le bhith a’ cladhach chanàlan, dìgean drèanaidh, agus a’ togail rathaidean-iarainn, chaidh arc-eòlas tìodhlaichte a lorg tòrr nas trice na thachair riamh roimhe. Chaidh aithris gun deach grunn chorp bho Bhlàr Cill Saidh ann an 1645 ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a lorg fhad ’s a bhathar a’ togail canàl Fhoirthe agus Chluaidh anns na 1770an. Agus nuair a bhathar a’ togail stèisean rèile Bràigh na h-Eaglaise Brice, chaidh uaigh mhòr a lorg ris an canadh muinntir an àite ‘na h-uaighean Sasannach’ bho Bhlàr Seumasach na h-Eaglaise Brice ann an 1746.
Tha mòran den fhianais air na rudan seo a’ tighinn bho nòtaichean ann am mapaichean na Suirbhidh Òrdanais agus bho na leabhraichean ainmean a tha nan cois. Mar eisimpleir, tha fianais mu thìodhlacaidhean aig Blàr Pinkie 1547 ri lorg ri taobh an ainm Pinkie Brae ann an Lodainn an Ear. An seo, tha an tuairisgeul ag ràdh ‘thathar ag ràdh gun deach na daoine a chaidh a mharbhadh aig blàr Pinkie ann an 1547 a thìodhlacadh an seo leis gun deach tòrr chnàmhan daonna a lorg an seo bho àm gu àm, cuid dhiubh ann an cisteachan’.
Aig làrach Blàr Philiphaugh ann an Crìochan na h-Alba ann an 1645, tha achadh ann leis an ainm inntinneach ‘Slain Mens’ Lea’ far a bheilear ag aithris gun deach ‘tòrr cnàmhlaich dhaoine a lorg bho chionn beagan bhliadhnaichean agus thathar ag ràdh gur e cuirp bho shaighdearan ann an Arm Mhon Rois a bha a’ sabaid air blàr Philiphaugh a bh’annta’. Is dòcha gu bheil seo a’ ciallachadh murt nan saighdearan Èireannach a chaidh a ghlacadh às dèidh do shaighdearan an Riaghaltais a’ chùis a dhèanamh air arm Rìoghail Mharcais Mhon Rois sa bhlàr an seo. Cha bhiodh na saighdearan seo air uaighean fa leth fhaighinn.


Clàr-dùthcha Suirbhidh Òrdanais Siorrachd Selkirk XI.7 (Selkirk) Ceann-latha an t-suirbhidh: 1858 a’ toirt iomradh air an tar-sgrìobhadh thùsail ann an Leabhar nan Ainmean aig OS anns an robh mìneachadh air an ainm-àite ‘Slain Mens’ Lea’
A’ TOGAIL NAN CORP
“The opening of that burial heap blazes strangely in my thoughts; these are the very jawbones that were clenched together in deadly rage, on this very ground 197 years ago”. – Litrichean bho Thòmas Carlyle do a charaid Èideard Fitzgerald ann an 1842 [3].
Sin an tuairisgeul dubhach aig Tòmas Carlyle air an t-sealladh nuair a lorg luchd-obrach tuathanais uaigh mhòr làn shaighdearan a chaidh a mharbhadh aig Blàr Naseby ann an Sasainn ann an 1645. Bha Carlyle, eachdraiche ainmeil a rugadh ann an Eaglais Fhèichin (Ecclefechan) ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh nas adhartaiche na càch aig an àm agus e airson a bhith a’ lorg agus a’ rannsachadh fuigheall fiosaigeach nam blàr, a’ coimhead air cùisean bho shealladh nan saighdearan a bha a’ sabaid, agus a bhàsaich, an sin.
Tha mòran dhòighean aig àrc-eòlaichean an latha an-diugh gus rannsachadh a dhèanamh air làraichean far a bheilear den beachd gu bheil uaighean agus àiteachan mòr-thìodhlacaidh air raointean-blàir gun a bhith a’ feitheamh gus an tèid am milleadh le obair tuathanachais no obair leasachaidh. Mar eisimpleir, lorg sgrùdadh geo-fiosaigeach a rinn GUARD Archaeology ann an Cùil Lodair (an raon-blàir far an tàinig Ar-a-mach nan Seumasach gu crìch ann an 1746) fianais air slocan nas motha fo thoman ‘Uaighean nan Cinnidhean’ agus ann an sgìre ris an canar ‘Raon nan Sasannach’ [4].
Ach, ma tha fhios againn far a bheil iad, carson nach bi na h-àrc-eòlaichean dìreach a’ dol ann gus cladhach àrc-eòlais a dhèanamh? Tha soidhne aig Urras Nàiseanta na h-Alba faisg air raon-blàr Chùil Lodair a’ freagairt na ceist seo gu sìmplidh; ‘Tha Raon-Blàr Chùil Lodair na Uaigh Cogaidh. Iarramaid oirbh urram a thoirt dha’.

Tha e follaiseach san litir aige, gun do chuir na chunnaic Carlyle dragh mòr air agus tha seo na chuimhneachan cudromach gu bheil cladhach fuigheall daonna, gu sònraichte taobh a-staigh uaighean mòra, ann mar thoradh air tachartasan uabhasach agus gum feumar a bhith a’ dèiligeadh riutha le cùram is urram. Ma tha sinn airson argamaid a dhèanamh airson cladhach àrc-eòlais a dhèanamh, feumaidh deagh adhbhar agus ceistean rannsachaidh làidir a bhith againn no chan eil sinn a’ dèanamh ach a bhith a’ briseadh a-steach air fois nan daoine a chaidh a chur nan laighe ann.
Chan e dìreach uaighean cogaidh a th’ ann an raointean-blàir, tha iad nam pàirt den dualchas nàiseanta againn cuideachd agus feumaidh sinn coimhead às an dèidh a rèir seo. Tha e cudromach mar phàirt de seo gun dèanar cinnteach gun tèid an dìon san àm ri teachd. Carson nach ionnsaich thu barrachd mu raon-blàir faisg ortsa le bhith a’ tadhal air Clàr nan Raointean-blàir Eachdraidheil aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba?
LEIS AN DR NATASHA FERGUSON, MANAIDSEAR IAR-CLADHAICH AIG GUARD ARCHAOLOGY LTD. THA I NA EÒLAICHE AIR LORGAN ARC-EÒLAIS MEADHAN-AOISEIL GU TRÀTH SAN NUA-LINN AGUS AIR ARC-EÒLAS CÒMHSTRI
Dealbh cinn © VisitScotland / Kenny Lam
[1] Brown, M., 2008. Bannockburn: The Scottish War and the British Isles 1307-1323: The Scottish War and the British Isles 1307-1323. Edinburgh University Press.
[2] Jean Froissart, Chroniques (Vol. I): Èideard III a’ cunntadh nam marbh air raon-cogaidh Crécy, c.1410
[3] FitzGerald, E., 2017. The Letters of Edward Fitzgerald, Volume 1: 1830-1850 (Vol. 4853). Princeton University Press pp. 125-138
[4] Pollard, T. ed., 2009. Culloden: the history and archaeology of the last clan battle. Pen and Sword.
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
