Na làraichean arc-eòlais as fheàrr ann am Barraigh (GHÀIDHLIG)
Leac-chisteachan, barpannan seòmarach, tursachan, caistealan – ma tha thu ga iarraidh, gheibh thu ann am Barraigh e!
TÌODHLACAIDHEAN ATHALASDAL
Coma leat an Caribbean, tha am “Barra-bean” ainmeil airson speuran gorm agus tràighean-gainmhich, (co-dhiù airson pàirt den bhliadhna!). Ach, tha paradocs neònach anns an t-suidheachadh eileanach eireachdail seo a thaobh glèidheadh nithean arc-eòlach – is urrainn gaothan làidir obair cladhach a dhèanamh agus stuthan falaichte a nochdadh, ach aig an aon àm, is urrainn dhaibh stuthan cugallach a shèideadh a-mach dhan mhuir far an tèid an call gu bràth.
B’ e seo na thachair ann an 2005 anns na dùin-ghainmhich faisg air baile Athalasdal, nuair a rinn arc-eòlaichean cabhag gus ceithir cisteachan bho Linn an Umha (bogsaichean cloiche coltach ri cisteachan-laighe) a chaidh a nochdadh le stoirm a shàbhaladh, anns an robh ceithir cuirp air an tìodhlacadh gu crùbach. Chaidh na bha air fhàgail de shia tìodhlacaidhean eile bho Linn an Umha a chladhach mar phàirt de iomairt teasairginn arc-eòlach eile air an làraich, air an do thadhail an Time Team às dèidh stoirmean ann an 2007.
Air an làimh eile, bidh a’ ghainmheach bhog a’ dìon fuigheall daonna gu fìor mhath nuair a thèid an tìodhlacadh domhainn gu leòr, leis gu bheil tòrr nas lugha de chunnart ann bho bhleith mar a tha leis an ùir shearbhagach a lorgar ann am mòran sgìrean de dh’Alba. Agus mar sin lorg arc-eòlaichean tìodhlacadh ciste boireannaich a bha air a dheagh ghleidheadh, ann an suidheachadh crùbach cuideachd, a bha a’ fuireach ann am Barraigh bho chionn mu 4,000 bliadhna.
Aig an aon chladhach, lorg an sgioba taigh-cuibhle 2,500 bliadhna a dh’aois, a rinneadh tràth ann an Linn an Iarainn, leis an doras fhathast slàn. Chaidh an taigh-cuibhle, a bha air ainmeachadh mar thoradh air a’ phrìomh àite-fuirich le seòmraichean a’ tighinn a-mach às mar spògan cuibhle, a ghabhail thairis a-rithist eadar an 3mh agus 4mh linn AD, agus a-rithist san 7mh agus 8mh linn AD. Chaidh obrachadh a-mach bho shoitheach còcaireachd a lorgadh na broinn gun deach an t-àite-fuirich a thogail mu 1,000 bliadhna às dèidh do na tìodhlaicean gainmhich tachairt, a’ sealltainn gur e làrach a th’ ann an Athalasdal a bha air a chleachdadh ann an iomadh diofar linn thairis air na mìltean de bhliadhnaichean.
ÒR AIR A LORG ANN AN CAISTEAL CHIOSMUIL
Ann an 2001, chaidh obair cladhach a dhèanamh ann an Caisteal Chiosmuil, ris an canar cuideachd ‘an Caisteal anns a’ Mhuir’, agus chaidh rud òr sgeadaichte a lorg ann an seilear an tùir. Thathar den bheachd gur e taga barraill a bh’ ann bho thràth san 12mh linn, is dòcha gun robh e rudeigin coltach ris an fhear gu h-ìosal agus is dòcha gun deach a chleachdadh gus stad a chur air cinn nam barrailean bho bhith a’ sgàineadh.

Taga barraill copar co-mheatailt iomlan, mu 500 bliadhna a dh’aois, à Norwich ann an Sasainn (Buidheachas airson an deilbh: Museum of London, CC BY-SA 4.0)
Tha an caisteal a chì thu an-diugh eadar 500 agus 600 bliadhna a dh’aois le obair ath-nuadhachaidh air a dhèanamh oirre bhon uair sin, ach tha arc-eòlaichean cuideachd air fianais a lorg gun robh daoine a’ fuireach air an làraich ann an ro-eachdraidh, a’ gabhail a-steach crèadhadaireachd, clach-theine agus fuigheall arbhair.

Caisteal Chiosmuil (Buidheachas airson an deilbh: James Stringer via Flickr, CC BY-NC 2.0)
INNEALAN AGUS GEAMANNAN ANN AN DÙN CHUIDHIR
Tha an taigh-cruinn fìor mhòr seo, ris an canar dùn le gailearaidhean a tha a’ sealltainn thairis air a’ mhuir ann an taobh an iar-thuath Bharraigh. Chaidh a’ bhuidheann as motha de dhaoine a dh’fhuireach ann an Dùn Chuidhir mu 1,300 bliadhna air ais, aig deireadh linn an Iarainn.
Tha na nithean a chaidh a lorg bho mu 1,700 gu 1,400 bliadhna air ais air an làraich seo a’ sealltainn dhuinn gun robh daoine a’ fuireach ann na bu thràithe. Am measg nan rudan a tha arc-eòlaichean air lorg, tha pìosan crèadhadaireachd, stuthan meatailt, cìrean cnàimh, prìnichean cnàimh, innealan cloiche, bràthan (muileann làimhe sìmplidh de dhà chlach chruinn a tha air an suathadh ri chèile gus arbhar a bhleith), agus fiù ’s pìosan geama coltach ri dìsnean an latha an-diugh.

Dùn Chuidhir (Buidheachas airson an deilbh: David Ross agus Britain Express)
LEACAN UAIGHE meadhan aoiseach CHILL BHARRA
Chaidh Cille Barra, far an robh dachaigh Chlann MhicNèill san 18mh linn agus far an robh tuineachadh cràbhaidh, a stèidheachadh mu 1,400 bliadhna air ais. An-diugh, tha trì tobhtaichean meadhan-aoiseach air an làraich (is dòcha 900 bliadhna a dh’aois aig a’ char as sine) taobh a-staigh cladh. Coltach ris an eilean fhèin, tha an eaglais mheadhan-aoiseil an seo coisrigte do naomh-taic an eilein, An Naomh Fionnbharra no An Naomh Barra.
Tha ceithir leacan-uaighe air an làrach-chuideachd bho anmoch sna meadhan-aoisean. Is dòcha gu bheil iad a’ comharrachadh Cinn-cinnidh Clann MhicNìll. Tha na leacan air an snaigheadh le claidheamhan agus duilleach le dealbh de bheathaichean agus bìrlinn air tè aca. Tha i cuideachd na dachaigh do mholldair de Clach Chille Bharra, crois-leac iongantach a tha 1,000 bliadhna a dh’aois a chaidh a lorg air an làrach ann an 1865 (tha a’ chrois thùsail ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a-nis).
Le crois Cheilteach air an aghaidh agus sgrìobhadh rùnach air a’ chùl, tha an leac-chroise a’ sealltainn dualchas Lochlannach an eilein a bharrachd air a mheasgachadh de chreideamh Crìosdail agus cultar Lochlannach. A rèir nan seann Lochlannach, b’ e Omund na Coise Fiodha a’ chiad Lochlannach a ràinig Barraigh, ach chan ann do spuinneadair Lochlannach a tha a’ chlach. An àite sin, tha rùn-sgrìobhadh nan Lochlannach ag innse gun deach a’ chlach a shnaigheadh mar chuimhneachan air boireannach, Thorgerth, nighean Steiner. Gu mì-fortanach, chan eil fiosrachadh sam bith a bharrachd againn ma deidhinn.

Clach Chill Bharra (Buidheachas airson an deilbh: Tom Parnell via Flickr aig http://bit.ly/2Zzm3RA, CC BY-SA 2.0)
Mura robh sin fhèin math gu leòr, tha tòrr a bharrachd arc-eòlas iongantach ri fhaicinn ann am Barraigh, a’ gabhail a-steach barpa seòmarach mòr tuath air Borgh, dùn eile bho Linn an Iarainn ann an Eilean Bhatarsaigh, tòrr thursachan agus tòrr a bharrachd.
Eil thu airson barrachd rannsachaidh a dhèanamh air arc-eòlas na h-Alba? Siubhal air ais gu Alba san àm a dh’fhalbh leis na h-iùilean to na làraichean as fheàrr a rèir sgìre.
Dealbh brosnaichte/Featured image: Tràigh Thangasdail, Barraigh, Innse Gall: Dithis a’ coiseachd air an tràigh (Buidheachas airson an deilbh: VisitScotland / Paul Tomkins)
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
Chaidh an t-artaigeal seo a sgrìobhadh gus taic a chumail ri Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020-21
