Làraichean arc-eòlais a dh’fheumas tu fhaicinn ann an Uibhist (GHÀIDHLIG)
Tha Uibhist sna h-Eileanan Siar na dachaigh do chuid de na làraichean arc-eòlais as iongantaiche ann an Alba, ach chan eil mìneachadh air an làraich aig tòrr aca agus chan eil mòran ri fhaicinn aig cuid aca aig an àm seo.
Ach tha pròiseact didseatach ùr-nodha air aghaidh a chur air na dùbhlain seo le bhith a’ cur aplacaid fòn-làimhe air bhog.
Tha Ulaidhean Uibhist a’ toirt sealladh ùr air seachd de na làraichean àrc-eòlais as cudromaiche ann an Uibhist agus tha e a’ cleachdadh an teicneòlais as ùire gus deicheadan de dh’arc-eòlais a thoirt beò, is a’ cuideachadh luchd-tadhail gus barrachd ionnsachadh mu bheatha ann an Uibhist thairis air na 6,000 bliadhna mu dheireadh.
Beatha air a’ Mhachair: Uibhist a Deas
Is e a’ mhachair an talamh ìseal torrach a tha fìor phailt air costa an iar nan Eilean Siar. Aithnichte airson a lusan agus beathaichean, tha an costa an iar air a bhith na dheagh àite-fuireach fad nam mìltean de bhliadhnaichean. Tha Ulaidhean Uibhist ag innse na sgeulachd aig ceithir làraichean san àrainneachd bheothail seo.
Baile Linn na Cloich anns an Doirlinn
Chan eil mòran ri fhaicinn aig An Doirlinn an-diugh, ach lorg obair rannsachaidh a rinn Oilthighean Reading is Southampton mar phàirt de Neolithic Stepping Stones Project beagan fianais bho bhaile Linn ùr na Cloiche a bha 5,000 bliadhna a dh’aois , a’ gabhail a-steach criadhadaireachd chlaiseach agus innealan cloiche bho dheireadh Linn ùr na Cloiche. Tha an làrach seo gu sònraichte inntinneach oir is i fear de ghlè bheag de làraichean de bhailtean bho linn ùr na cloiche a chaidh a lorg sa chruth-tìre seo.

An Doirlinn (© Stepping Stones to the Neolithic)
Beatha, Bàs agus Coin ann an Cladh Thàlainn
Chan eil teagamh sam bith nach e an ath làrach air an t-slighe tè den fheadhainn as aithnichte agus seo a’ chiad làrach air an deach sùil a thoirt às ùr leis a’ phròiseact. Chaidh Cladh Thàlainn bho Linn na h-Umha a chladhach le sgioba bho Oilthigh Sheffield agus tha e ainmeil airson cuid den fhianais as tràithe de mhumachadh (mummification) de chuirp daonna ann an taobh tuath na Roinn Eòrpa.

Na taighean-cruinn Fìorachd Leasaichte ann an Cladh Thàlainn (© Pròiseact arc-eòlais Uibhist)
Tha ath-cruthachadh Fìorachd Leasaichte (augmented reality) iongantach ann de na taighean-cruinn ceangailte bho Linn an Umha a tha cho mòr ’s a bha na taighean fhèin. Seallaidh seo mar a bha iad a’ coimhead timcheall air 3,500 bliadhna air ais a rèir eòlaichean agus faodaidh daoine an aplacaid a chleachdadh cuideachd gus ionnsachadh mu àiteachas, obair-mheatailt, agus coin a bha nam peataichean ann an Tàlann ann an Linn na Cloiche tro bheothachaidhean, modalan 3D agus faidhlichean fuaim.

The roundhouses brought to life in virtual reality (© Uist Virtual Archaeology Project)
Beatha Chruinn ann an Cill Donnain
A’ gluasad suas a’ mhachair, ’s e taigh-cuibhle Chill Donnain an ath làrach air an t-slighe. Tha taighean-cuibhle nan làraichean còmhnaidh suaicheanta bho Linn an Iarainn, is fhuair iad an ainm a chionn ’s gu bheil àrd-ùrlaran a’ tighinn a-mach bho na ballachan a-staigh ann an cruth a tha coltach ri spògan. Chaidh an taigh-cruinn a thogail bho chionn 2000 bliadhna. Lorg an obair chladhaich aig Oilthigh Sheffield aig deireadh nan 1980an fianais gun robh daoine air a bhith a’ fuireach ann fad linntean, agus bha bràiste glùine Ròmanach agus prìne de dh’ìbhri uàlrais am measg nan rudan a bu chudromaiche a chaidh a lorg.

Lochlannaich ann am Bòrnais
Bheir cuairt ghoirid gu tuath thu gu trì tomain le coltas gu math àbhaisteach a tha ag èirigh gu socair bhon mhachair ann am Bòrnais – seo na tha air fhàgail de thè de na làraichean malairt Lochlannach as motha ann an Alba bho chionn còrr is 1,000 bliadhna. Air a chladhach le Prifysgol Caerdydd/Oilthigh Cardiff, chaidh grunn rudan a lorg air an làraich seo – aig an robh deagh cheanglaichean le diofar àiteachan – a’ gabhail a-steach porphyry uaine (seòrsa de chlach sgeadachaidh) às a’ Ghrèig, òmar bhon Mhuir Bhaltach, agus buinn à ceann a deas Shasainn. B’ e fear de na lorgan as inntinniche siolandair cabair ann an stoidhle shònraichte Lochlannach Ringerike, air a bheil dealbhan mòra sgeadachail de bheathaichean.

(© Cardiff University)
Beatha air an Uisge: Uibhist a Tuath
A’ gluasad gu Uibhist a Tuath, tha an aplacaid ag innse dhuinn mu dhòigh bheatha eadar-dhealaichte. O chionn 2,000 bliadhna, air falbh bhon mhachair thrang, bha taighean-cruinn cloiche gan togail air làraichean eileanach anns na lochan fìor-uisge air mòinteach a’ chosta an ear.
Beatha ann an Dùn Torcuill
Tha Dùn Torcuill air aon de na dùin anns an staid as fheàrr ann an Uibhist, le staidhrichean agus seòmraichean a chithear fhathast na bhroinn, a bharrachd air ballachan mòra a tha suas ri trì meatairean a dh’àirde. Chaidh an làrach shònraichte seo a tha suidhichte ann an Loch an Dùin, a sgrùdadh le Erskine Beveridge, àrsair agus Companach de Chomann Àrsairean na h-Alba a rinn rannsachadh air mòran de na làraichean ro-eachdraidheil as suaicheanta ann an Uibhist a Tuath.

Dùn Torcuill (© Historic Environment Scotland)
Cabhsairean agus Cinnidhean ann an Dùn an Sticir
Tha cabhsair cloiche a tha ann an deagh staid a’ dol dhan làraich mu dheireadh air an t-slighe – Dùn an Sticir. Tha tùr no talla meadhan-aoiseil a tha 500 bliadhna a dh’aois suidhichte taobh a-staigh na tha air fhàgail de dhùin Linn an Iarainn a tha mòran nas sine, le ath-dhealbhadh na h-aplacaid a’ coimhead air eachdraidh bheothail an àite a chaidh a chleachdadh fad nam mìltean de bhliadhnaichean. Linntean às dèidh dha a bhith air a thogail agus a chleachdadh an toiseach, chaidh an làrach a chleachdadh mar theàrmann tràth san 17mh linn le fear a bha na bhàillidh ann an Uibhist a Tuath, Ùisdean Dòmhnallach à Slèite, a chaidh am falach an seo le aodach boireannaich air às dèidh dha a dhol an aghaidh a uncail.

Dun an Sticir (© Pròiseact arc-eòlais Uibhist)
Eil thu deiseil airson cladhach sìos nas doimhne? Tha an aplacaid agus a’ chiad ath-chruthachadh de Chladh Thàlainn ri fhaighinn ri lùghdachadh a-nuas a-nis: dìreach lorg ‘Uist Unearthed’ ann am bùithtean aplacaid Apple is Android. Thèid a chòrr de na làraichean a chur ris an aplacaid ann an 2022. Chithear a’ bhidio sanasachd an seo: “Uist Unearthed” – Uist Archaeology Digital App – YouTube
Le Co-òrdanaiche Pròiseact Ulaidhean Uibhist, Emily Gal. Tha Emily na h-arc-eòlaiche aig Colaisde a’ Chaisteil UHI, stèidhichte ann am Beinn na Faoghla. Tha i na h-eòlaiche gu sònraichte air ro-eachdraidh eileanan na h-Alba, arc-eòlais cruth-tìrean dhùin-ghainmhich agus dualchas didseatach. Is urrainn dhut a leantainn aig @egalarch. Ionnsaich barrachd mu Ulaidhean Uibhist, agus mu bhith a’ dèanamh chùrsaichean àrc-eòlais ann an Colaiste a’ Chaisteil UHI air Twitter agus Instagram.
Header Image: (© Uist Virtual Archaeology Project)
Air a chruthachadh agus air a stiùireadh le luchd-obrach Arc-eòlais Colaisde a’ Caisteal UHI le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar, tha am pròiseact mìneachaidh dualchais inntinneach seo ag ath-chruthachadh seachd làraichean arc-eòlach cudromach air Slighe Innse Gall ann am Fìorachd Leasaichte iongantach, a’ toirt seachad fiosrachadh inntinneach stèidhichte air an t-slighe. Tha am pròiseact a’ cruthachadh sreath de ‘shìoltachain’ arc-eòlach, a bhios a’ dol thairis air àrainneachd an latha an-diugh nuair a thèid luchd-cleachdaidh gu gach làrach. Dh’obraich sgioba a’ phròiseact còmhla ri Ceòlas Uibhist gus susbaint shònraichte a chruthachadh sa Ghàidhlig airson na h-aplacaid dà-chànanaich, a’ gabhail a-steach teacsa agus sgeulachdan clàraichte bho mhuinntir an àite sa Ghàidhlig a’ coimhead air cruth-tìre, cànan agus cultar Uibhist.
Fhuair Pròiseact Àrc-eòlas Bhiortail Uibhist pàirt mhaoineachadh bho Mhaoin Nàdair is Cultair aig Maoin Leasachaidh Roinneil an Aonaidh Eòrpaich (EFDF) agus tha e air a stiùireadh le NatureScot. Tha am pròiseact cuideachd a’ faighinn taic bho Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar, maoin uàrdan Oighreachd a’ Chrùin Alba, Stòras Uibhist agus Colaisde a’ Chaisteil UHI.

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
