Ag lorg Coimhearsnachd Ghàidhealach Chaillte às ùr (GHÀIDHLIG)
Ann an 1820, thàinig beatha ann am baile beag air a’ Ghàidhealtachd far an robh daoine air a bhith a’ fuireach bho dheireadh Linn ùr na Cloiche – gu crìch mar thoradh air Fuadaichean le Clann ’ic Coinnich a’ Chùil.
Thairis air dà bhliadhna, chaidh na gabhaltasan a bh’ air a bhith aig 77 teaghlaichean fad ùine mhòr a thoirt gu crìch, a’ fàgail gun robh Inbhir Làthail air aon de na fuadaichean a bu mhotha aig an àm sin, le suas ri 500 duine air an toirt a-mach às a’ bhaile. Rinn seo sgrios air na bha air a bhith na phrìomh bhaile ann an sgìre Loch Bhraoin, air costa an iar na h-Alba, bhon 13mh linn.
Eu-coltach ri mòran làraichean fuadachaidh eile, cha robh artaigilean sna pàipearan-naidheachd mun tachartas seo, cha robh strì chlàraichte aig an luchd-gabhail, cha robh ùpraid nàiseanta no cuimhne ionadail air an fhuadach seo, a thug air falbh a h-uile sgeul air “an tuineachadh as motha tuath air Inbhir Pheofharain [tràth san nua-linn]”.
An àite sin, tha e coltach gun deach Inbhir Làthail air ais gu nàdar gun mòran aire a thoirt dha agus gun deach a’ mhòr-chuid de dhaoine a dh’fhuireach ann an Ullapul agus na sgìrean mun cuairt, le cuid a’ dèanamh eilthireachd thall thairis.
Is e an fhìrinn mhì-fhortanach a th’ ann gur dòcha nach do chuir e iongnadh sam bith air an luchd-gabhail, agus gur dòcha nach robh iad den bheachd gum b’ fhiach e a bhith a’ sabaid an aghaidh fhuadaichean, agus an àite sin gun do ghabh iad ris gu sàmhach gum feumadh iad am fearann fhàgail air an robh iad air a bhith a’ fuireach agus ag obair fad ghinealaichean. Ged nach robh strì fhòirneartach ann, ge-tà, chan eil seo a’ toirt air falbh bho cho truagh ’s a bha suidheachadh an luchd-gabhail, agus gu dearbha, tha e a’ cur ris nar beachd.

Ros an Iar, Pont 4, Timothy Pont (© Leabharlann Nàiseanta na h-Alba)
Ann an 2020, chaidh am pròiseact Inbhir Làthail Caillte a stèidheachadh mar chuimhneachan air na Fuadaichean agus bha e ag amas air tomhas de cheartas a thoirt dhan choimhearsnachd a chaidh a chall le bhith ag innse na sgeulachd aca 200 bliadhna às dèidh làimh. Ach aig a’ cheann thall, fhuair sinn a-mach gur e an dòigh a b’ fheàrr air crìoch bhrònach na coimhearsnachd a chomharrachadh a bhith a’ rannsachadh mar a bha luchd-còmhnaidh na làraich beò fad nam mìltean de bhliadhnaichean ro na Fuadaichean.
Dè a th’ ann am Pròiseact Lost Inverlael: A’ Lorg Baile Bhlàir ?
Bha Lost Inverlael: A’ Lorg Baile Bhlàir: na phròiseact arc-eòlais, rannsachaidh agus conaltradh coimhearsnachd trì-bliadhna, air a ruith le Urras Taigh-tasgaidh Ullapuil agus air a mhaoineachadh le Àrainneachd Eachdraidheil Alba , Coilltearachd is Fearann na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig .
Bha an neach-eachdraidh neo-dhreuchdail ionadail, Donnchadh ‘Bain’ MacCoinnich, a tha de shliochd Inbhir Làthail, air a bhith a’ rannsachadh eachdraidh Inbhir Làthail gu pearsanta fad grunn bhliadhnaichean tro sgeulachdan a chaidh a thoirt dha le a sheanair. Bha e a’ faireachdainn làidir mun chùis a chionn ’s nach robh rannsachadh no eòlas ionadail ann air sgeulachdan Inbhir Làthail agus thug e am beachd gu Taigh-tasgaidh Ullapuil as t-samhradh 2019.
Às a sin, chruthaich Taigh-tasgaidh Ullapuil pròiseact coimhearsnachd tron deach na ciad suirbhidhean arc-eòlais a dhèanamh air an sgìre le oileanach à Àrd-sgoil Ullapuil agus saor-thoilich ionadail, cho math ri trì cladhaich arc-eòlais, agus tursan rannsachaidh do thasglannan ann an Dùn Èideann. Am measg phròiseactan eile bha sreath dràma rèidio, geamannan Minecraft, taisbeanadh dhealbhan, cèilidh coimhearsnachd le ceòl sònraichte a chaidh a choimiseanadh airson a’ phròiseict, a bharrachd air bùthan-obrach le rudan a chaidh a lorg, pasganan gnìomhachd chloinne agus grunn òraidean.

A’ chiad chladhach, Togalach Còmhnaidh, an Dàmhair 2021 (Buidheachas airson an deilbh: Urras Taigh-tasgaidh Ullapuil)
Dè a chaidh a lorg ann an Inbhir Làthail?
Dh’fhàs e soilleir gu math tràth sa phròiseact gum feumamaid fòcas a ghluasad bho sgeulachd ‘nam Fuadaichean’ gu sgeulachd a bha a’ gabhail a-steach fada a bharrachd den eachdraidh nas tràithe aig Inbhir Làthail. Bha fios againn nach biodh taighean-loisgte rim faicinn ann an Inbhir Làthail; cha b’ e fuadach cabhagach a bha seo nuair nach robh tìde aig daoine ach na rudan as cudromaiche a thoirt leotha agus an còrr fhàgail às an dèidh.
Tha a h-uile adhbhar againn a bhith a’ creidsinn gun robh fios aig an luchd-gabhail air dè bha a’ dol a thachairt agus gun robh tìde aca a h-uile rud a phacadh agus gun do dh’fhalbh iad gu socair, a’ fàgail gu bheil glè bheag de dh’fhianais shusbainteach ann dhuinn ri lorg 200 bliadhna às dèidh sin.
B’ e crèadhaireachd an ìre mhath ùr-nodha agus glainne a chaidh a thilgeil a-mach as motha a lorg sinn sa chladhach, rud nach tug mòran fiosrachadh dhuinn mu na fuadaichean fhèin, agus mar sin chuir sinn romhainn ar rannsachadh a chuimseachadh air eachdraidh nas tràithe ann an Inbhir Làthail. Cha deach sgrùdaidhean no cladhach arc-eòlais ceart a dhèanamh air a’ bhaile riamh, agus cha deach rannsachadh eachdraidheil sam bith a dhèanamh a bha a’ cuimseachadh air Inbhir Làthail a-mhàin. Gu ìre mhòr, cha robh fiosrachadh sam bith againn mu eachdraidh a’ bhaile seo , agus b’ e ar n-amas a bhith a’ faighinn a-mach na b’ urrainn dhuinn de eachdraidh gus urram a thoirt do a luchd-còmhnaidh.
Thòisich sinn a’ sìor-leughadh clàr eachdraidheil sam bith a lorgadh sinn, ge b’ e dè cuine a chaidh a sgrìobhadh, a chuir cuideachd ris an t-sealladh againn air na lorgan arc-eòlais againn. Mar as motha de dh’fhiosrachadh a b’ urrainn dhuinn a thoirt a-steach dhan phròiseact, ’s ann a b’ fheàrr a bhiodh e dhan chlàr-eachdraidheil agus do rannsachadh san àm ri teachd.
Sgròbadair ìne-òrdaig Linn Ùr na Cloiche
Chaidh an sgròbadair ìne-òrdaig seo a lorg ann an Trainnse 7, a chaidh a chladhach thairis air structar beag coltach ri cill. Bha sinn den bheachd gur dòcha gur e bothan-chìsean aig seann drochaid Inbhir Làthail a bha seo. Bhiodh e air a chleachdadh airson obair-fiodha, airson feòil à mhaothachadh no a thoirt far seichean bho chionn timcheall air 5,000 bliadhna (c.3000 BCE). B’ e seo an aon rud a chaidh a lorg san trainnse seo agus cha robh am pìos ailbhinn na àite tùsail agus chaidh a ghlacadh san àite far a bheil e nuair a thuit fear de na ballachan.
Ged nach tug e mòran fiosrachaidh dhuinn mun làraich, tha e gar cuideachadh le bhith a’ dearbhadh cho fada ’s a bha daoine a’ fuireach san sgìre.

Sgròbadair ìne-òrdaig bho Linn Ùr na Cloiche, a chaidh a lorg ann an togalach neo-aithnichte (Buidheachas airson an deilbh: Urras Taigh-tasgaidh Ullapuil)
Bonn a Sia Èireannach bho linn Uilleam is Màiri
Chaidh am bonn seo bho 1693 a lorg anns an lòd aig togalach a bha na sheann togalach muilne nar beachd. An toiseach bha e comasach dhuinn fhaicinn gur e bonn an dàrna cuid aig Banrigh Màiri II no aig Banrigh Anna a bh’ ann leis gun robh am facal “Regina” ri fhaicinn. Sheall mion-sgrùdadh an uair sin gun robh clàrsach is crùn Èireannach ann, agus mar sin b’ urrainn dhuinn aithneachadh mar leth-sgillinn Èireannach bho rìoghachadh Uilleam III agus Màiri II.
Tha seo air ar cuideachadh le bhith a’ tuigsinn mar a chaidh airgead a chleachdadh san sgìre agus a’ sealltainn gur dòcha gun robh ceangal malairt aig a’ choimhearsnachd ri Èirinn san t-17mh linn.

Bonn a sia Èireannach bho rìoghachadh Uilleam is Màiri bho 1692, a chaidh a lorg anns an trainnse a gheàrr tron mhuileann agus tron lòd (Buidheachas airson an deilbh: Urras Taigh-tasgaidh Ullapuil)
Peilearan musgaid agus Gràn musgaid
Chaidh grunn pheilearan musgaid agus gràn musgaid bho eadar 1600 agus 1650 a lorg cuideachd taobh a-staigh an togalaich a tha sinn den bheachd a bha na muileann, timcheall air a’ chagailt, ann an Trainnse 1. Bhiodh na peilearan musgaid air an cleachdadh gu sònraichte airson cogadh agus chan ann airson sealg.
Tha fios againn gun robh cathan an seo san t-16mh agus san t-17mh linn, ach tha e math dearbhadh a bhith againn air sin anns na chaidh a lorg.

Peilear musgaid, a chaidh a lorg am broinn Togalach na Muilne ann an Trainnse 1 (Buidheachas airson an deilbh: Urras Taigh-tasgaidh Ullapuil)
Leis gun robh a h-uile cladhach againn fosgailte dhan phoball, is nach robh eòlas ro làimh sam bith a dhìth gus pàirt a ghabhail, bha e comasach dhuinn a bhith a’ tàladh farsaingeachd de shaor-thoilich bhon choimhearsnachd ionadail againn, a’ gabhail a-steach feadhainn a chaidh a tharraing chun a’ phròiseict le ceanglaichean teaghlaich. Bha grunn de na daoine a rinn chladhach sa mhuileann de shliochd a’ mhuilleir a bha a’ fuireach agus ag obair san dearbh thogalach a bha iad a’ cladhach.
Bha cuid dìreach airson tighinn còmhla ri daoine eile air adhbharan sòisealta, leis gun robh gnìomhachdan air a’ bhlàr a-muigh air am brosnachadh agus air fàs nas mòr-chòrdte rè galar lèir-sgaoilte COVID-19. Bha grunn oileanaich arc-eòlais fho-cheumnach an làthair aig a’ chladhach againn agus bha seo mar a’ chiad obair-làraich san do ghabh iad pàirt riamh.

An dàrna cladhach, Làrach na Muilne, an Giblean 2022 (Buidheachas airson an deilbh: Urras Taigh-tasgaidh Ullapuil)
Ciamar as urrainn Tasglannan Arc-eòlas a chuideachadh?
Fhuair sinn a-mach gun do chruthaich am measgachadh de rannsachadh arc-eòlais agus fianais tasglainn mìneachadh nas doimhne agus nas brìghmhoire air eachdraidh na sgìre. B’e Calander of Writs of the Munros of Foulis fear de na prìomh thùsan tasglainn a chaidh a chleachdadh sa phròiseact (SHG3048 – ‘Calendar of writs of Munro of Foulis 1299-1823’, Scot Rec Soc Vol. 72). Mar uachdarain ann an Inbhir Làthail gu meadhan an t-17mh linn, bha an teaghlach seo a’ cumail chlàran a’ sealltainn dè seòrsa fearainn a bha san sgìre, a bharrachd air prìomh ghoireasan coimhearsnachd.
Rè nan suirbhidhean coiseachd , rinn na saor-thoilich mapadh air na h-àirighean (àiteachan ionaltraidh samhraidh do chrodh) agus nan seòrsaichean thogalaichean a chaidh a lorg anns na h-àiteachan sin. Chaidh togalaichean mòra dachaigheil no còmhnaidheach a chomharrachadh a bharrachd air iomadh ciste-bainne agus goireasan stòraidh, a’ gabhail a-steach structaran fon talamh. Tha The Calender of Writes a’ toirt dhuinn ainmean nan àirighean a tha co-cheangailte ri baile Inbhir Làthail, leithid “Dacharrie, Ferchesthie and Glendueldie” ann an 1590 agus “Duthorie, Feachois, and Glendowaldie” ann an 1608 (ged a tha an litreachadh eadar-dhealaichte eadar an dà inntrigeadh, tha an dà chunntas a’ toirt iomradh air na h-aon trì àirighean).
Tha mapa Timothy Pont de Ros an Iar cuideachd a’ toirt dhuinn fios air àiteachan, agus ainmean, nan diofar bhailtean ann an Gleann na Sguaib, a’ gabhail a-steach suidheachadh àirigh ‘Glendowaldy’, a tha a’ freagairt ris an tuairmse air far a bheil an àirigh a dh’ainmich suirbhidhean Inbhir Làthail Caillte suidhichte. Tha Inbhir Làthail aig beul Ghleann na Sguaib. Ged a tha arc-eòlas air a bhith comasach air togalaichean agus cleachdadh na sgìre a chomharrachadh, ghabhadh ainmean a chur riutha le fianais tasglainn a bharrachd air beagan fianais mu chinn-latha.
A’ cuimhneachadh air na Fuadaichean
Tha deasbad sam bith mu Fhuadaichean nan Gàidheal a’ togail fhaireachdainnean làidir agus tha e gu math pearsanta dhan fheadhainn air an tug e buaidh. Chaidh an trauma tar-ghinealach a thoirt a-nuas ann an teaghlaichean, agus tha buaidhean poilitigeach agus nàiseanta a’ tighinn às, a tha a’ ciallachadh gum faodadh pròiseact coimhearsnachd air a’ chuspair a bhith gu math dùbhlanach.
Tron phròiseact seo chaidh faighneachd dhuinn iomadh uair: “carson a tha sibh a’ cladhach làraichean a chaidh fhuadachadh?”; “Tha fios agaibh mar-thà dè tha sibh a’ dol a lorg” ; “Chan eil e cho fada air ais” ; “Dè a dh’innseas e dhut air nach robh fios agad mar-thà?”.
Ach tha sinn air tòrr a bharrachd ionnsachadh mu ar cuid eachdraidh, cultair agus dualchais ionadail tron cho-dhùnadh againn a bhith a’ cladhach làrach fuadachaidh. Ann an Inbhir Làthail, chaidh nithean a lorg bho Linn Ùr na Cloiche, Linn an Umha, na Meadhan Aoisean agus, le ùine, tha sinn a’ creidsinn gun lorgar tòrr a bharrachd, gar cuideachd gus sgeulachd nas coileanta innse mun choimhearsnachd seo.
Airson barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact Inbhir Làthail Caillte agus obair eile aig Taigh-tasgaidh Ullapuil, tadhail air an làraich-lìn aca agus air an t-sianal YouTube aca.
Tha Siobhán Beatson na Manaidsear/Glèidheadair aig Taigh-tasgaidh Ullapuil. À Siorrachd Àir bho thùs, ghluais i a dh’Ullapul còmhla ri a teaghlach ann an 2018. Cheumnaich Siobhán le MLitt ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 2023 agus aig an àm seo, tha i a’ dèanamh Rannsachadh PhD air eaconamaidhean agus cleachdadh fearainn coimhearsnachdan lochan-mara ann an Taobh Siar Rois san t-siathamh agus san t-seachdamh linn deug.
Tweet
Cruth-tìre Inbhir Làthail (Buidheachas airson an deilbh: Steven Gourlay Photography)