Menu

A’ CUR DREACH CUÈIR AIR ÀRC-EÒLAS: NA LOCHLANNAICH ANN AN ALBA (GHÀIDHLIG)

A’ CUR DREACH CUÈIR AIR ÀRC-EÒLAS: NA LOCHLANNAICH ANN AN ALBA (GHÀIDHLIG)

A-mach às na sluaghan eachdraidheil uile, is dòcha gur iad na Lochlannaich a tha gan cleachdadh mar an eisimpleir as fheàrr de ‘dh’fhir fìor fhearail’. Tha ìomhaigheachd agus fionn-sgeulan nan Lochlannach ga chleachdadh airson fireannachd a nochdadh, air a chaitheamh mar thatùthan le luchd-togail bodhaig agus air a shnaidheadh ​​a-steach dhan armachd aig sàr-laochan fìor fhiot.

Read in English

Tha na sgeulachdan a chluinneas tu uile mu fhir ghaisgeil bhorb, mu fhòirneart agus chreachan. Mar thoradh air a’ bheachd seo, is urrainn dha a bhith doirbh dhuinn a bhith a’ coimhead air an 8mh gu 11mh linn ann an Alba gun chlaon-bhreith cios-ghnèitheach (cisgender) agus eile-sheòrsach (heterosexual). Is urrainn dha a bhith dùbhlanach a bhith a’ faicinn nan ròlaichean aig daoine a tha neo-rèireach a thaobh gnè, gus tuigse air gnè agus dearbh-aithne fhaighinn air mar a bha iad an dha-rìribh do na daoine ris an can sinn Lochlannaich san latha an-diugh.

Viking Festival

(Hans Splinter via Flickr at https://bit.ly/2LBMO6u, CC BY-ND 2.0)

Tha eachdraidh na cuspair beò, a tha a’ fàs, is a tha neo-fhoirfe, ach is e aon rud air a bheil fios againn gu cinnteach mun àm a dh’fhalbh gun robh daoine LGBTQ + (leasbach, gèidh, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach agus cuèir) riamh ann. Anns gach àite agus anns gach linn, bha daoine ann aig am biodh, is dòcha, dearbh-aithne cuèir air choreigin is a bha a cheart cho beò is beòthail ’s a tha sinn an-diugh. ’S e a cheist mar a thèid an sgeulachd innse agus mar a chaidh eachdraidh a sgrìobhadh airson luchd-amharc de dh’fhir chios-ghnèitheach gheal eile-sheòrsach.

A’ tuigsinn nithean a chaidh a chur ann an uaighean

San àm a dh’fhalbh, tha sgrìobhadh acadaimigeach air ro-bharailean a dhèanamh mu ròlaichean gnè anns a’ chomann-shòisealta Lochlannach. Mar eisimpleir, bhathar den bheachd nuair a chaidh dithis dhaoine a bha air an co-thiodhlacadh a lorg ann am Baile an Àbaidh ann an Ìle sna h-Eileanan a-Staigh ann an 1878 gur e fear is boireannach a bh’ annta. Bha seo mus robh deuchainnean ginteil ann, agus mar sin tha e stèidhichte gu tur air na nithean a chaidh a thiodhlacadh anns an uaigh leis na cuirp agus air a’ beachd gun robh fir Lochlannach nan gaisgich agus gun robh boireannaich nam ban-taighe.

Chaidh fear de na cuirp a thiodhlacadh le sleagh, claidheamh, sgiath, tuaghan agus innealan gobha, agus chaidh an corp eile a lorg le diofar sheudan a’ gabhail a-steach dà bhràiste ann an cruth toirtis (san dealbh gu h-àrd), a tha a-nis ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Mar eisimpleir, tha artaigil ann am Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland ag ràdh: “Tha e follaiseach bho nàdar an dà bhuidhinn de nithean leis an dà chnàimhneach, gur e uaigh fir a bh’ ann an Àir I., agus gur e uaigh boireannaich a bh’ ann an Àir II.”

Illustration of an oval shaped brooch with tortoise shell design

Oval Bowl-shaped Brooch found in the grave No. 2 at Ballinaby, PSAS Vol. 14 (1879) aig https://bit.ly/2CwPKw1

Mar an ceudna, bhathar an dùil gur e gaisgeach fireann a chaidh a thiodhlachadh ann an tòrradh bàta Phort an Eilein Mhòir ann an Àird nam Murchan air a’ Ghàidhealtachd mar thoradh air an dìth seudraidh agus mar thoradh air a’ cheann tuaigh mhòir a chaidh a lorg air a thìodhlacadh leis a’ chorp.

Ach, feumar cuimhneachadh gur dòcha nach robh na nithean a chaidh a chur ann an uaigh leis an duine a chaidh a thìodhlachadh san uaigh. Dh’fhaodte gur e seann nithean aig an sinnsirean a bh’ ann, no tabhartasan a thug an luchd-caoidhe seachad aig an uaigh. Mar eisimpleir, tha fios againn air eisimpleirean nuair a chaidh pàiste a lorg a chaidh a thìodhlacadh le buill-airm mhòra nach biodh iad air a bhith comasach air togail nuair a bha iad beò.

Àrc-eòlaichean a’ togail ceann-tuaighe bho thìodhlacadh-bàta Phort an Eilein Mhòir ann an Àird nam Murchan (bho Wikipedia aig https://bit.ly/2ByQQXA)

Laoch as an t-Suain

Ach uaireannan, far an robh e coltach gun robh buill-airm leis an neach a chaidh a thìodhlachadh, bu chòir dhuinn beachdachadh gur dòcha gun robh an neach sin na boireannach. Gu dearbh, ged a tha e soilleir gun robh comainn-shòisealta Lochlannach fìor phatrarcach (patriarchal) tha fianais làidir ann cuideachd gum bu chòir tuigse nas sùbailte a bhith againn air ròlaichean gnè.

Mar eisimpleir, chaidh gaisgeach Lochlannach à Birka anns an t-Suain a lorg ann an 1878, air a chuairteachadh le buill-airm agus spuinn cogaidh. Chaidh deuchainn a dhèanamh air a’ chnàimhneach còrr is 100 bliadhna às dèidh seo agus fhuaras a-mach gur e neach le cròmasoman XX a bh’ ann, a’ ciallachadh gum biodh iad air an clàradh mar bhoireannach aig àm breith san latha an-diugh. Tha eòlaichean a-nis den bheachd gun robh an neach seo “a’ cur seachad a beatha mar neach-cogaidh proifeiseanta agus gun deach a tìodhlacadh ann an àrainneachd mhàirsealach.”

Gu mì-fhortanach, chan eil e coltach gu bheil dàta ann fhathast an deach deuchainn a dhèanamh air an neach ann an tìodhlacadh Phort an Eilein Mhòr gus faighinn a-mach dè a’ gnè bhith-eòlasach a bh’ aca. Is e an rud a tha tìodhlacadh Birka ag innse dhuinn, nach urrainn dhuinn co-dhùnadh a dhèanamh gun am fiosrachadh seo mu dhearbh-aithne gnè an neach ann an uaigh Phort an Eilein Mhòir stèidhichte air barailean heteronormative mu ghnè san àm a dh’fhalbh (mar a thachair san dòigh anns an deach tìodhlacadh Bhaile an Àbaidh a mhìneachadh san 19mh linn).

A’ smaoineachadh às ùr air Comann-sòisealta nan Lochlannach

Tha fios againn gun robh an dearbh-aithne gnè aig neach san linn Lochlannach gu tric ceangailte ris an àite a bh’ aca anns a’ chomann-shòisealta Lochlannach, agus chan ann dìreach ris a’ bhith-eòlas leis an do rugadh iad. Dh’fhaodte gum biodh cuideigin a chaidh a shònrachadh fireann aig àm breith a’ cleachdadh ‘seiðr’, seòrsa sònraichte de chreideimh le fàidheadaireachd agus de dhraoidheachd co-cheangailte ri boireannaich agus gun d’ fhuair iad seòrsa de shùbailteachd gnè tro seo.

San aon dòigh, dh’fhaodadh boireannaich nach robh air pòsadh a bhith nan uachdarain agus sealbh fhaighinn mar dhìleab. Bhiodh na ‘Baugrygr’ no ‘Ringkvinna’ seo mar cheann teaghlaich aig an robh dreuchd a bha fireann gu traidiseanta anns a’ chomann-shòisealta Lochlannach. Aig a’ char as lugha, dh’fhaodadh fir is boireannaich anns a’ chomann-shòisealta Lochlannach briseadh air falbh bho thraidiseanan a thaobh ròlaichean fireann is boireann agus is dòcha gu bheil sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn daoine aig am biodh dearbh-aithne thar-ghnèitheach no neo-bhìnearaidh san latha an-diugh.

Photo of a burial site on an island with stones lining the long grave.

Tìodhlacadh Bàta Lochlannach (John Haylett bho Wikimedia Commons aig http://bit.ly/2xQ5bxd, CC BY 3.0)

Tha teòiridh cuèir na pàirt chudromach de dh’arc-eòlas agus faodaidh e ar cuideachadh le bhith a’ tuigsinn iom-fhillteachd agus iomadachd a’ chomainn-shòisealta san àm a dh’fhalbh. Chan eil a bhith a’ toirt sùil chuèir air eachdraidh a’ ciallachadh a bhith a’ cur a h-uile rud bun os cionn airson a bhith a’ coimhead cothromach. An àite sin thathar den bheachd gur dòcha gu bheil barailean heteronormative a rinneadh mu dhaoine san àm a dh’fhalbh a’ cur dreachd ro shìmplidh air an fhìrinn, agus mar sin gum feumar aghaidh a chur ri seo no a bhith ga cheasnachadh.

Tha fios againn gun robh daoine chuèir riamh ann, gu bheil dearbh-aithne gnè iom-fhillte agus gum bi e ag atharrachadh, agus gu bheil taobhadh-feise dhaoine na speactram. Le bhith a’ cleachdadh an eòlais seo a thaobh an àm a dh’fhalbh,  tha seo gar toirt nas fhaisge air fìor sgeulachdan muinntir na h-Alba na ceudan, agus fiù ’s na mìltean de bhliadhnaichean air ais.

Airson barrachd fiosrachaidh mu na Lochlannaich ann an Alba, faigh a-mach mu eachdraidh Rìoghachd nan Eilean.

Le Sacha Coward, a tha air obrachadh le cruinneachaidhean, làraichean dualchais agus taighean-tasgaidh airson còrr is 10 bliadhna. Is e daonn-eòlaiche mean-fhàsach (evolutionary biologist) a th’ ann agus tha e dìoghrasach mu bhith a’ sgrùdadh cultar agus eachdraidh daonna tron lionsa in-ghabhalach aige. Bidh Sascha a’ bruidhinn gu tric rè Mìos Eachdraidh LGBT, tha e na eachdraiche air cùisean cuèir a tha ag obair air a cheann fhèin agus bidh e cuideachd a’ cruthachadh sheòmraichean-teichidh.


Faclair

  1. Cios-ghnèitheachcisgender – teirm airson daoine aig a bheil dearbh-aithne gnè a tha a’ co-thaobhadh ri dearbh-aithnean ghnè a tha mar as trice co-cheangailte ris a’ ghnè leis an deach a c(h)làradh aig am breith
  2. Eile-sheòrsachheterosexual – cuideigin a tha air a t(h)arraing le daoine den ghnè eile
  3. Neo-rèireach a thaobh gnègender nonconforming  –  daoine nach bi a’ leantainn nam beachdan no gnàth-ìomhaighean (stereotypes) mun choltas no dòigh-giùlain a bu chòir a bhith aca a rèir a’ ghnè bhoireinn no firinn fon deach an clàradh aig am breith.
  4. Tar-ghnèitheachtransgender –  teirm fharsaing airson cuideigin far nach eil an dearbh-aithne phearsanta agus gnè a rèir a’ ghnè a chaidh a chlàradh dhaibh nuair a rugadh iad
  5. Cuèirqueer – teirm fharsaing a tha a’ gabhail a-steach mion-chuidean gnèitheil no feiseil nach eil an dàrna cuid eile-sheòrsach no cios-ghnèitheach.
  6. Nochdadh gnègender expression – an dòigh anns a bheil neach gan giùlan fhèin, a’ coimhead no gan cur air adhart a thaobh dùilean a’ chomainn-shòisealta.
  7. Heteronormative – sealladh a tha a’ brosnachadh eile-sheòrsachd (heterosexuality) mar an taobhadh-feise àbhaisteach no as fheàrr
  8. Neo-bhìnearaidhnonbinary – cuideigin aig nach eil fèin-aithne mar fhear no mar bhoireannach, no fèin-aithne nach eil a’ gabhail a-steach aon de na gnèithean sin a-mhàin.

Dealbh brosnaichte/Featured image: Armachd Lochlannach (Helgi Halldórsson bho WikiCommons aig http://bit.ly/3nSmylb, CC BY-SA 2.0)


Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig

 

 

 

 


Uncover More