Menu

ARC-EÒLAS NA H-ALBA, FIONN-SGEÒIL AGUS BEUL-AITHRIS A’ TIGHINN CÒMHLA (GHÀIDHLIG)

ARC-EÒLAS NA H-ALBA, FIONN-SGEÒIL AGUS BEUL-AITHRIS A’ TIGHINN CÒMHLA (GHÀIDHLIG)

Tha fionn-sgeulan, uirsgeulan agus beul-aithris a’ nochdadh air feadh eachdraidh na h-Alba, agus mar sin chan eil e na iongnadh gu bheil iad ceangailte ri cuid de na làraichean agus carraighean ro-eachdraidheil as annasaiche san dùthaich.

Read in English

EICH-UISGE CHRUITHNEACH

Tha eich-uisge nan spioradan uisge mì-rùnach a tha comasach air cruth mhic an duine no cruth eich a chur orra fhèin. Dh’fhaodte gun deach na sgeulachdan seo a chleachdadh gus rabhadh a thoirt do dhaoine mu chunnart an uisge. Tha cuid den bheachd gu bheil iad air an sealltainn mar a’ Bhèist Chruithneach air clachan snaidhte, leithid an tè 1,400 bliadhna a dh’aois ann am Broomend of Crichie ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Standing stone with symbols on it

Tursachan Broomend of Crichie  (4) cc-by-sa/2.0 – © Anne Burgess – geograph.org.uk/p/5555392

DAOINE MÒRA AGUS NA DAOINE BEAGA

Chaidh ciste a lorg anns an robh cnàmhan daonna ann an làrach ann an Siorrachd Shruighlea air an robh ‘The Fairy Knowe’ (Tom nan Sìthichean).  Lorg cladhach cuideachd dùn le comharran de “sgrios fòirneartach” a rinneadh le teine, a bharrachd air grunn nithean le àrd-inbhe a’ gabhail a-steach fàinne meòir shnìomhanach le “comharran sgeadachaidh”.

Grassy mound

Fairy Knowe (na tha air fhàgail de Dhùn Bhoth Shlèibhidh) bhon Ear  cc-by-sa/2.0 – © Ewen Rennie – geograph.org.uk/p/1300971

IOLAIRE SHÌNTE

Tha Clach an Tiompain (Beurla – ‘The Eagle Stone’) na chlach shnaidhte Chruithneach air a’ Ghàidhealtachd a tha 1,300 bliadhna a dh’aois. A rèir beul-aithris thuirt fàidh gun rachadh longan air acair san àite nan tuiteadh i trì turasan,  Thathar ag ràdh gu bheil e air tuiteam dà thuras is mar sin, tha e stèidhichte ann an concrait a-nis.

A stone with an eagle carved on it

cc-by-sa/2.0 – Clach an Tiompain, Srath Pheofhair le Julian Paren – geograph.org.uk/p/5244130

SGEULACHD MU NA SÌTHEAN

Tha an Gille Dubh na sìthiche a tha a’ fuireach leis fhèin sa choille agus a tha ga fhalach fhèin le duilleagan agus còinneach. Thathar a’ creidsinn gu bheil e a’ fuireach mun cuairt Geàrrloch air a’ Ghàidhealtachd – a tha cuideachd na dhachaigh do dhaingneach chlach-loisgte ro-eachdraidheil, daingneach eileanach meadhan-aoiseil agus “Creag an Fhomhair”.

An island with trees in the middle of a body of water

Loch Tollaidh cc-by-sa/2.0 – © Anne Burgess – geograph.org.uk/p/7406

EICH AMHARASACH

Cha robh spioradan toilichte nuair a chaidh clachan bho Thursachan Laighe Mains of Hatton ann an Siorrachd Obar Dheathain a thoirt air falbh airson a bhith nam puist-gheata. A rèir coltais, mothaich na h-eich gun robh iad feargach agus sheachain iad an geata, agus mar sin chuir an tuathanach roimhe na clachan a thilleadh chun an àite thùsail aca. Chòrd seo ris na spioradan: “’s e obair dhoirbh a bh’ ann do dhà each gach clach a shlaodadh sìos leathad chun a’ gheata, ach ’s e obair fhurasta a bh’ ann do dh’aon each a’ chlach a tharraing suas an cnoc bhon gheata chun a’ chearcaill.”

Two standing stones lying in a field

Tursachan laighe, Mains of Hatton  (2) cc-by-sa/2.0 – © Anne Burgess – geograph.org.uk/p/4743363

FUAMHAIREAN A’ CADAL

Tha Dwarfie Stane na bharpa seòmarach a rinneadh mus robh an leithid de rud ann ri innealan meatailt. A rèir uirsgeul Arcach bha fuamhairean a’ fuireach ann agus bha aca ri ithe tron ​​​​mhullach gus faighinn a-mach uair, ach tha coltas na slighe a-steach cumhang agus an dà àite bheag coltach ri leabaidh a’ nochdadh a chaochladh.

Rectangular stone among grass

Dwarfie Stane, Hoy cc-by-sa/2.0 – © Catherine Morgan – geograph.org.uk/p/218407

CRIDHE CLOICHE

A rèir beul-aithris, ’s e boireannach a chaidh a thionndadh gu cloiche às dèidh dhi geall a chall leis an Diabhal a th’ ann an Clach na Maighdinn, clach Chruithneach ann an Siorrachd Obar Dheadhain (a chaidh a shnaidheadh bho chionn 1,200 bliadhna). Chuir i geall gum b’ urrainn dhi bonnaich fhuine mus togadh e rathad gu mullach Beinn na Cìche a tha faisg air làimh. Chrìochnaich e an rathad mus robh an t-aran deiseil agus nuair a theich ise rinn e i na Clach na Maighdinn.

Standing stone with symbols on it

Clach na Maighdinn cc-by-sa/2.0 – © Anne Burgess – geograph.org.uk/p/3085938

PÀIRT DE DO SHAOGHAL

Ann am beul-eòlas na h-Alba, tha maighdinnean-ròin comasach atharrachadh bho ròn gu cruth daonna le bhith a’ toirt an craiceann bhuapa. Tha arc-eòlaichean air cnàmhan a lorg bho làmhan dhaoine air an tìodhlacadh ri taobh pliuthan ròin ann an òtraichean ann an Orasa a tha 6,000 bliadhna a dh’aois. Chan eil mòran fios againn air mar a bha na ciad daoine a bha a’ sealg, ag iasgach agus a’ cruinneachadh lusan ann an Alba ann an Linn Mheadhanach na Cloiche a’ faicinn an t-saoghail; dh’fhaodte gur e sealladh ro-eachdraidheil den sgeulachd a tha seo.

grey seal in the water

Dealbh le DragonTools bho Pixabay

DÈAN AIR NA BEANNTAN

Chuir an t-arm Ròmanach ionad-seallaidh is stèisean chomharran air Eildon ann an Crìochan na h-Alba faisg air 2,000 bliadhna air ais, ach chan eil sinn cinnteach cò dha a bha iad a’ coimhead. Ceudan bhliadhnaichean às dèidh sin, bhathar ag ràdh gun robh Tòmas Reumhair na shuidhe fo Chrann Eildon faisg air Maolros nuair a thug Banrigh nan Sìthichean air falbh e gu lag anns na beanntan agus a-steach dhan t-saoghal aice e.

Hills seen between two trees

Eildon bho Gledswood © Còir-lethbhreac aig M J Richardson le cead ath-chleachdaidh fo CC BY-SA 2.0

THOIR AN AIRE DHAN CHÙ

Thathas ag ràdh gun lorg neach sam bith a ghluaiseas a’ chlach-sheasaimh faisg air baile Mhòrlaich ann an Siorrachd Pheairt ciste a tha air a dìon le cù dubh. Is dòcha gur e an carragh ro-eachdraidheil  ann am fearann Caisteil Mhòrlaich a’ chlach a th’ anns an sgeulachd. Mìltean de bhliadhnaichean às dèidh sin ann am meadhan an 9mh linn, shnaidh cuideigin duine a bha ga ruagadh le beathach mòr air leac clach-ghainmhich, a chaidh a lorg faisg air a’ bhaile ann an 1886..* Na feuch ri tursachan sam bith a ghluasad (tha e cunnartach agus mì-laghail)

Sketch of a large standing stone

Dealbh bho PSAS 42

NEACH-TRÈANAIDH PEARSANTA

Tha Sgàthach na gaisgeach fionn-sgeulach Albannach a bha a’ fuireach air costa an Eilein Sgitheanaich. Thathas ag ràdh gu bheil tobhta Caisteal Dhùn Sgàith na sheasamh air làrach a “Dùn Sgàith” far an tug i trèanadh do Chù Chulainn, gaisgeach fionn-sgeulach ainmeil. Tha an structar meadhan-aoiseil seo, a tha air làrach dhaingnichte nas sine, fhathast na shuidhe air creag os cionn Loch Eiseort le pàirtean den bhalla-chùirteir fhathast a’ greimeachadh air oir na creige.

A ruined castle by the water

Caisteal Dhùn Sgàith cc-by-sa/2.0 – © Anne Burgess – geograph.org.uk/p/218475

CLACHAN AN FHUAMHAIR NA H-ALBA

Thathar ag ràdh gu bheil na colbhan basalt sia-thaobhach air Stafa nam pàirtean de chabhsair a thog fuamhair – ach cha b’ esan an aon daoine a thadhail air. Mar thoradh air gràn loisgte de dh’eòrna sgilte a chaidh a lorg le arc-eòlaichean Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 2016, tha fios againn gur dòcha gun robh daoine a’ fuireach air an eilean bho chionn 3,800 bliadhna.

A cave made of hexagonal black columns

Dealbh le Graeme Pow air Foter.com / CC BY-NC-SA

LOCH OBHA MO CHREACH!

A rèir beul-aithris, bha a’ Chailleach, neach-glèidhidh diadhaidh a’ dèanamh faire air fuaran air Cruachan Beinn ann an Earra-Ghàidheal. Bhiodh e a’ cur clach air an fhuaran aig dol fodha na grèine agus ga toirt air falbh a-rithist aig briseadh an latha. Thuit i na cadal aon oidhche agus chuir an tobar thairis, a’ cruthachadh Loch Obha. Thar ùine, thàinig an loch gu bhith na dhachaigh do chòrr is 20 crannog (taighean-uisge ro-eachdraidheil) agus fiù ’s beagan chaistealan meadhan-aoiseil. Chaidh a’ Chailleach a thionndadh gu cloich air sgàth a dearmad, ach tha i fhathast a’ coimhead thar Loch Odha o mhullach Chruachan Beinn.

Photo of a panoramic view of a mountain range with a loch at the bottom.

Cruachan Beinn (John Mason via Flickr at http://bit.ly/2EcjagA, CC BY 2.0)

SEACAID SHLIGEACH!?

Thathar ag ràdh gun robh ulbhag mhòr ann an Lìte (port gu tuath air Dùn Èideann) na dachaigh do Shellycoat, culaidh-uabhais mhì-mhodhail a bhiodh a’ dol timcheall ann an còta de shligean-mara, gus an deach an ulbhag a ghluasad san 19mh linn nuair a thòisich obair togail air Docaichean Lìte. Tràth ann an 2019, lorg arc-eòlaichean pàirt de na docaichean agus a rèir coltais, chan fhacas an creutair bochd bhon uair sin.

An aerial photograph of docks

Docaichean Lìte agus Suidhe Artair bhon adhair cc-by-sa/2.0 – © Thomas Nugent – geograph.org.uk/p/2422581

A’ NIGHE NAN AODACH

A rèir beul-aithris, tha bean-nighe na comharra-bàis ann an Alba. Chithear i ri taobh lochan agus aibhnichean, is e a’ nighe an aodaich aig daoine a tha air impis bàs fhaighinn. Nan rachadh a glacadh, bheireadh i trì pìosan eòlais dhan neach a ghlac i. Tha Dùn Buidhe air Loch Dùn Mhurcaidh anns na h-Eileanan an Iar, a chaidh a thogail o chionn 2,000 bliadhna, air aon de na h-àiteachan far a bheilear ag ràdh gun do rinn bean-nighe a h-obair eagallach.

Photo of rock pools with misty hills in the background.

Beinn na Faoghla (James Stringer via Flickr at http://bit.ly/36WqJE2, CC BY-NC 2.0)

SUIDHICHTE ANN AN CLACH (A’ CHARRAIDH)

Bho chionn timcheall air 1,200 bliadhna, chaidh damh, torc agus beathaichean coille eile a shnaidheadh ​​ann an  Clach a’ Charraidh  air Gàidhealtachd na h-Alba. A rèir beul-aithris, chaidh a thogail gus an uaigh aig fear de thriùir phrionnsachan Lochlannach a chomharrachadh. Chaidh am bàta aca a sgrios air sgeir far Bàgh Sheanndabhaig agus iad an tòir air Iarla a bha air droch làimhseachadh a dhèanamh air a bhean (am piuthar).

Scotland Highlands Shandwick Stone

Wojsyl / CC BY-SA (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0/)

FEE-FI-FO-FUM

Chaidh Dùn Edin’s Hall ann an Crìochan na h-Alba a thogail còrr is 2,000 bliadhna air ais agus tha e air aon de na beagan tùir bho linn an Iarainn a th’ againn air Galltachd na h-Alba. Tha grunn chunntasan bhon 19mh linn a’ cumail a-mach gu bheil an t-ainm a’ tighinn bho fhuamhaire air an robh Etin neo Edin a bha a’ cur dragh air muinntir na sgìre gus an tug cailleach bhochd na freagairtean do na ceistean aige mu eachdraidh na h-Alba do chuideigin…cho math ris an tuagh a mharbh e mu dheireadh.

Photo of a low stone wall, showing the foundations on an Iron Age broch

The wall of Edin’s Hall Broch for NT776 © Còir-lethbhreac Jim Barton le cead ath-chleachdaidh fon Chead Creative Commons seo


Dealbh brosnaichte/Featured image: Tursachan Chalanais (Buidheachas airson an deilbh: Andrew Bennett via Flickr, CC BY 2.0). Tha cuid den bheachd gur e fuamhairean a th’ anns na clachan nach iompaicheadh gu Crìosdaidheachd is mar sin gu deach an tionndadh gu clach, ach is e an tomhas as fheàrr a tha aig Àrainneachd Eachdraidheil gur e seòrsa de amharclann nan speuran a bh’ ann.

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig


Uncover More