‘IS IOMADH SLOC A RINN IAD’: ARC-EÒLAS A’ BHRUSAICH (GHÀIDHLIG)
Chan eil teagamh sam bith ann nach e Rìgh Raibeart I na h-Alba – Raibeart am Brusach mar as aithne dhan mhòr-chuid e – fear de na monarcan as cliùitiche a bh’ aig Alba riamh. Tha tòrr den fhiosrachadh a th’ againn mu a bheatha agus a rìoghachadh air tighinn thugainn bho thùsan sgrìobhte ach tha beagan lorgan àrc-eòlach againn a tha a’ toirt dhuinn ceangal ris an rìgh ghaisgeil Albannach seo.
TUAMA A THA FREAGARRACH DO RÌGH
Chaidh corp a lorg ann an 1818 rè obair togail ann an Abaid Dhùn Phàrlain, a bhathar den bheachd a bha aig Brus agus is dòcha gur e seo an lorg àrc-eòlasach a bu mhotha co-cheangailte ris a’ Bhrusach.
Chuir am Brusach an cèill cho tràth ri 1314 gun robh e airson a bhith air a thìodhlacadh ann an Dùn Phàrlain ‘le ar sinnsearan rìoghail’, mar a thuirt e. Chaidh seachdnar monarcan Albannach a thìodhlacadh ann roimhe, a’ gabhail a-steach an Naomh Mairead, aig a bheil sgrìn air am biodh taistealaich bho air feadh na Roinn Eòrpa a’ tadhail.
Air an adhbhar seo, phàigh am Brusach airson tuama ghrinn dha fhèin is do a bhean, air a dèanamh à marmor geal bhon Eadailt le leac de mharmor Frosterley dubh à ceann a tuath Shasainn foidhe. Gu mi-fhortanach, chaidh an tuama a sgrios rè Ath-leasachadh na h-Alba, ach tha beagan phìosan den mharmor Eadailteach chosgail air mairsinn – tha cuid aca rim faicinn ann an Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Rinn eòlaichean ath-chruthachadh dealanach de thuama a’ Bhrusaich ann an 2017 agus faodar leughadh mu dhèidhinn anns an sgrùdadh cùise seo air làrach-lìn ScARF.
Chan eil e buileach soilleir an e corp a’ Bhrusaich a chaidh a lorg ann an 1818 ach bha aodach òir sa chiste-laighe cuideachd agus dh’fhaodte gun robh an corp paisgte ann an seo uair. Rinn Alexander Rothach, Àrd-ollamh Corp-eòlais Oilthigh Dhùn Èideann sgrùdadh air agus chaidh a thaisbeanadh dhan phoball fad greis mus deach a thìodhlacadh a-rithist ann an 1819.
Chaidh mòlltair (cast) a dhèanamh den chlaigeann mus deach ath-thìodhlacadh ge-tà agus tha lethbhreacan den mhòlltair seo anns na cruinneachaidhean aig grunn thaighean-tasgaidh air feadh na h-Alba a-nis. Chaidh seo a chleachdadh gus grunn ath-chruthachaidhean a dhèanamh de dh’aodann an rìgh. Rinneadh an t-ath-chruthachadh mu dheireadh ann an 2016 leis a’ mhòlltair a tha leis an Taigh-tasgaidh Hunterian ann an Glaschu.

Mìrean a dh’fhaodadh a bhith bho thuama a’ Bhrusaich ann an Abaid Dhùn Phàrlain. Bha Dùn Phàrlain na nàdar de thaigh-tìodhlacaidh airson teaghlach nam Brusach anns na bliadhnaichean às dèidh bàs an rìgh Raibeirt, oir chaidh mac a’ bhràthair agus a bhràthair-chèile a thìodhlacadh ann cuideachd
CRIDHE NA CÙISE
Às dèidh a bhàis anns an Ògmhios 1329, chaidh corp a’ Bhrusaich a thìodhlacadh ann an Dùn Phàrlain ach chaidh a chridhe a thoirt às is a thìodhlacadh ann an Abaid Mhaolrois ann an Crìochan na h-Alba – às dèidh turas goirid ach iomraiteach dhan Spàinn.
Ged nach robh an eaglais ro thoilichte leis a’ chleachdadh seo mar as trice (bha aig Brus ri cead fhaighinn bhon Phàpa mus do rinn e e), bha Brus airson a dhèanamh a chionn ’s gum biodh e a’ fàgail gum biodh coimhearsnachdan cràbhaidh an dà chuid ann an Maolros agus Dùn Phàrlain ag ùrnaigh airson anam, a bhiodh a’ lùghdachadh na h-ùine a bhiodh aige ri cur seachad anns a’ Phurgadair airson nam peacaidhean uile aige fad a bheatha.

Abaid Mhaolrois ann an Crìochan na h-Alba (Bret Fischer from Pixabay)
Ach bha e samhlachail cuideachd a chionn ’s gu bheil e faisg air a’ chrìch. Shabaid am Brusach gu cruaidh gus an sgìre seo fhaighinn air ais bho na Sasannaich agus bha an co-dhùnadh aige a chridhe a thìodhlacadh an sin a’ daingneachadh gu samhlachail gun robh e an dùil gun cumadh na rìghrean a thigeadh às a dhèidh smachd air an sgìre.
Ann an 1921, lorg Oifis nan Obraichean ciste chònach, a bha mu 10 òirleach a dh’fhaid fo ùrlar an taigh-chaibideil ann am Maolros. Thìodhlaic iad a-rithist i gu sàmhach, ach ann 1996, chaidh a’ chiste a lorg a-rithist le sgioba àrc-eòlach ag obair às leth Alba Eachdraidheil (air a bheil Àrainneachd Eachdraidheil Alba a-nis).
Mar a thachair leis a’ chorp a lorgar ann an Dùn Phàrlain, chan eil fhios againn le cinnt an e cridhe a’ Bhrusaich a tha na broinn. Ach a rèir coltais, ’s e cridhe a chaidh a thìodhlacadh a tha seo agus chaidh ath-thìodhlacadh ann an 1998 fo charragh-chuimhne dhan Rìgh.

Carragh-chuimhne an latha an-diugh. Thathar den bheachd gu bheil cridhe a’ Bhrusaich air a thìodhlacadh foidhe seo. Chaidh pìosan den Bhrusach a thìodhlacadh ann an trì diofar àiteachan: a chridhe ann am Maolros, a chorp ann an Dùn Phàrlain agus a mhionach ann an Cardanros faisg air Dùn Breatann far an robh e air taigh mòr spaideil a thogail dha fhèin (© Otter bho Wikimedia Commons CC BY-SA 3.0)
FIANAIS BHO BHLÀR ALLT A’ BHONNAICH
Chaidh na lorgan àrc-eòlach as ùire co cheangailte ris a’ Bhrusach a lorg nuair a bhathar a’ deisealachadh airson 700mh ceann-bliadhna Blàr Allt a’ Bhonnaich – a’ bhuaidh cogaidh a bu chudromaiche a bh’ aige. Mar phàirt den obair ro chomharrachaidhean a’ chinn-bhliadhna ann an 2014, rinn sgioba de dh’àrc-eòlaichean sgrùdadh siostamach den sgìre far a bheil sinn den bheachd gun do thachair am blàr.
Cha robh e coltach gun rachadh mòran a lorg air iomadh diofar adhbhar. Sa chiad dol a-mach, bhiomaid an dòchas gum biodh rud sam bith a ghabhadh ath-chleachdadh air a thoirt air falbh leis na h-Albannaich a thug buaidh. A bharrachd air seo, thachair tòrr den bhlàr eadar dà allt eu-domhainn, a bhios a’ sruthadh gu slaodach, air talamh far am biodhte an dùil ri droch mheirigeadh air meatailt sam bith air a thìodhlacadh ann.

crochag ann an cruth croise a chaidh a lorg ann an 2014 air an làraich far a bheilear den bheachd a bha Blàr Allt a’ Bhonnaich. Bhiodh seo air crochadh bho uidheam an eich gus sealltainn cho beartach is cho cràbhach ’s a bha am fear leis an robh e (© GUARD Archaeology Ltd.)
Ach, chaidh trì rudan a lorg a dh’fhaodadh a bhith air fhàgail bhon bhlàr. B’ iad seo pìos de spor, pìos de stiorap, agus crochag croise air a dhèanamh de cho-mheatailt anns an robh beagan cruain gorm.
Tha e coltach gu bheil iad seo uile bho thràth sa cheathramh linn deug, agus gun robh iad nan nithean àrd-inbhe. Chaidh an lorg uile faisg air Allt a’ Bhonnaich. Dh’fhaodte gun deach an call le Sasannach fhad ’s a bha e a’ dol thairis air an allt agus e a’ deisealachadh airson campachadh air an fheasgar às dèidh a’ chiad latha den bhlàr, no le truaghan bochd a’ teicheadh airson a bheatha faisg air deireadh an dàrna latha.
Is iad na trì nithean seo an fhianais àrc-eòlach as fheàrr a th’ againn gus daingneachadh na tha na tùsan sgrìobhte ag innse dhuinn, a rèir coltais, mu far an do thachair a’ bhuaidh cogaidh as motha aig a’ Bhrusach.
A bheil thu airson coimhead air barrachd fianais bho Alba san àm a dh’fhalbh? Faic na prìomh 10 puingean aig Frèam-obrach Rannsachaidh Àrc-eòlach na h-Alba.
LEIS AN DR CALLUM WATSON, RANNSAICHE ANN AN POILEATAIGS, SÒISEALTAS AGUS COGADH ANN AN ALBA AIG DEIREADH NAM MEADHAN AOISEAN CO-ÒRDANAICHE A’ BHLÀIR AIG IONAD LUCHD-TADHAIL BLÀR ALLT A’ BHONNAICH POSTAICHEAN BLOGA AIG ‘KNIGHT OF THE TWO L’S’. GABH PÀIRT ANNS A’ CHOMHRADH LE @VIVSTAN211240 AIR TWITTER
Dealbh cinn/Header Image: (© VisitScotland / Kenny Lam)
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
