NA PRÌOMH 10 RUDAN INNTINNEACH A CHAIDH A LORG ANN AN UISGEACHAN NA H-ALBA (GHÀIDHLIG)
Tha costaichean agus uisgeachan na h-Alba air buaidh mhòr a thoirt an eachdraidh againn: bho iasgach agus obair-aodaich gu uisge-beatha agus cumhachd nan tonn; tha iad uile air a bhith nam pàirtean cudromach den chultar, de na sgeulachdan agus den dòigh-beatha againn. Mar thoradh air costa a tha gu math eadar-dhealaichte ann an diofar àiteachan, mar thoradh air na h-eileanan againn agus na diofar sheòrsaichean de dh’uisgeachan a-staigh dhan tìr an dà chuid ann an suidheachaidhean bailtean is dùthchail, chaidh cuid de na lorgan àrc-eòlais as inntinniche a lorg fon uisge.
1) PÌOS ANN AN TOMHASAICHEAN CIÙIL ANN AN SIORRACHD PHEAIRT
Anns a’ Ghearran 2019, chaidh fuigheall de dh’ionnsramaid ciùil 2,500 bliadhna a dh’aois a lorg a bha air a bhith na laighe aig bonn locha ann an Siorrachd Pheairt fad linntean. Thathar an dùil gur e an drochaid aig inneal-ciùil teudach a th’ ann, a rinneadh ann an 500 RC, agus chaidh a ràdh gur e lorg “a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta” a tha seo agus gun cuidich seo gus barrachd fhaighinn a-mach mu bheatha shòisealta ro-eachdraidheil na h-Alba. Chaidh an drochaid a lorg rè rannsachadh fon uisge ann am Feàrnan air bruaichean Locha Tatha agus thathar den bheachd gur i pàirt de dh’fhear de na h-innealan-ciùil as tràithe a chaidh a lorg ann an taobh an Iar na h-Eòrpa riamh.

Neach-glèidhidh Ionad Crannag na h-Alba, Frances Collinson, le dealbh 3D den drochaid (© DC Thompson tron Chourier)
2) BAN-DIA FIODHA AIR A’ GHÀIDHEALTACHD
Lorgadh figear snaighte anns an t-Samhain 1880, a bha air a bhith fo mhòine dhomhainn fad còrr is 2,500 bliadhna ann am Baile a’ Chaolais air a’ Ghàidhealtachd. Chaidh an ìomhaigh de nighean no de bhan-dia, a tha cho mòr ri nighean, a shnaigheadh bho aon phìos feàrna, le molagan airson sùilean. Is dòcha gu bheil i a’ riochdachadh creutair os-nàdarra dham biodh luchd-siubhail a’ toirt ìobairt gus siubhal sàbhailte fhaighinn thairis air a’ chaolas chunnartach a tha a’ ceangal Loch Lìobhann ris a’ mhuir.
Discover how the mysterious Ballachulish figure has been baffling archaeologists: http://t.co/Wmezpv5PQA pic.twitter.com/XLHc8pPt9X
— National Museums Scotland (@NtlMuseumsScot) 11 March 2015
3) LEAC SHNAIDHTE ANN AN SIORRACHD OBAR DHEATHAIN
Chaidh leac shnaidhte Chruithneach a lorg le iasgairean air bruaichean Abhainn Deathan ann an Siorrachd Obar Dheathain. ’S ann glè ainneamh a lorgar leac shnaighte fhìor ùr; chaidh seo a lorg mar thoradh air na h-ìrean uisge ìosal – às dèidh aimsir bhlàth is thioram sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh – a dh’fhàg gun robh a’ chlach ri faicinn air bruach na h-aibhne.

Chaidh leac shnaidhte Chruithneach a lorg air bruaichean Abhainn Deathan ann an Obar Dheathain (Àrainneachd Eachdraidheil Alba tron BhBC)
4) SGRÌOBHADH CIÙIL MEADHAN-AOISEIL ANN AM PÀISLIG
Chaidh grunn nithean inntinneach a lorg ann an drèana meadhan-aoiseil Abaid Phàislig ann an Siorrachd Rinn Friù, nam measg poit-mhùin mhòr shlàn, bucaill, buinn, làmh le sgian, peg gleusaidh, criomagan sglèat agus na mìltean de sgealban crèadhadaireachd. Ann an 1991, mhothaich eòlaichean làmh-sgrìobhadh neònach air pìos sglèat àbhaisteach. Mar thoradh air sin, chaidh sgrùdadh a dhèanamh air na criomagan sglèat uile a fhuaradh às an drèana agus chaidh aon phìos 600-bliadhna a dh’aois a lorg air an robh an eisimpleir as tràithe de cheòl iom-fhonnach (polyphonic – ceòl le barrachd air aon phong aig an aon àm) a chaidh a chlàradh a-riamh ann an Alba.
5) BÀTA-LOGA BHO LINN AN UAMHA FAISG AIR PEAIRT
Lorg Urras Dualchas Pheairt is Cheann Rois bàta gun samhail a rinneadh bho loga aig deireadh linn an uamha ann an Linne Tatha ann an 2006 agus thog iad gu sàbhailteachd i. Mhair am pròiseact 10 bliadhna bho chaidh a lorg an toiseach ann an 2001 agus chaidh dà fhoillseachadh mhòr a chur a-mach is chaidh an soitheach a thaisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Pheairt. ’S e bàta-loga Chathair Phuill (Carpow) a rinneadh timcheall air 1,000 RC, agus a tha 3,000 bliadhna a dh’aois, fear de na bàtaichean-loga ro-eachdraidheil ann am Breatainn a tha air a ghlèidheadh as fheàrr, agus is e an dàrna bàta as sine a chaidh a lorg ann an Alba a-riamh.

Am bàta-loga air a chumail an àirde air pocannan-gainmhich às dèidh dha a bhith air a chladhach a-mach mus deach a ghluasad (© Urras Dualchas Pheairt is Cheann Rois)
6) COILLE FON UISGE ANNS NA H-EILEANAN SIAR
Tràth ann an 2019, chaidh aithris gun robh àrc-eòlaichean air fianais iongantach a lorg air gnìomhachd tràth le daoine aig coille ro-eachdraidheil a tha fon uisge ann am Beinn na Faoghla ann an Innse Gall. Tha Lionacleit air aon de chòrr is 20 làrach clàraichte de choilltean àrsaidh a bha uaireigin a’ fàs anns na h-eileanan. Bha a’ choille aig an ìre as motha aice 7,000 – 10,000 bliadhna air ais agus bha measgachadh beairteach ann de bheithe, calltainn, seileach, critheann, caorann, darach, giuthas Albannach, feàrna, uinnseann agus leamhan. Lorg arc-eòlaichean cuideachd làrach bùidsearachd tràth agus innealan cloiche a bha air an cleachdadh gus biadh ullachadh, a’ gabhail a-steach lann èiteige, a chaidh a ghlèidheadh ri taobh a’ chnàmh beathaich air an deach a chleachdadh.

An leth a-staigh ruadh aig freumh seileach ro-eachdraidheil a tha ri fhaicinn ann an sampall ùr-gheàrrte (SCAPE tron BhBC)
7) DROCHAID FHÀLAICHTE BHO NA MEADHAN-AOISEAN ANN AN CRÌOCHAN NA H-ALBA
San Dàmhair 2020, chaidh ainmeachadh gun deach fear de na “structaran as cudromaiche ann an Alba mheadhan-aoiseil” a lorg às dèidh dhi a bhith falaichte fo abhainn Uisge Teviot fad linntean. ’S e na cruinn fiodha aig an drochaid an fheadhainn as sine a-riamh a chaidh a lorg san àite tùsail aca thairis air abhainn Albannach. Chaidh an drochaid a thogail ann am meadhan na 1300an agus bhiodh Rìgh Seumas V air a dhol thairis air, agus a nighean Màiri Banrigh na h-Alba às a dhèidh, air turasan eadar Dùn Èideann agus crìoch na h-Alba.

Tha bun-stèidh na drochaid meadhan-aoiseil ri fhaicinn fo dhrochaid nas ùire thairis air Uisge Teviot (© Border Archaeology)
8) CRUINNEACHADH DE BHUILL-AIRM RO EACHDRAIDHEAIL ANN AN DÙN ÈIDEANN
Lorgadh rudeigin air leth bho chionn fada ann an Loch Duddingston an Dùn Èideann ann an 1778. Chaidh cruinneachadh de dh’obair meatailt bho Dheireadh Linn an Umha a lorg air grunn an locha, a’ gabhail a-steach claidheamhan agus gathan cho math ri cnàmhan daonna, claignean agus adharcan bheathaichean. Gu h-inntinneach, chaidh na buill-airm a losgadh agus a sgrios bho chionn timcheall air 2,800 bliadhna mus deach an tilgeil dhan loch. Tha e coltach gur robhar airson dèanamh cinnteach nach gabhadh na nithean sin a chleachdadh a-rithist, ach chan eil fhios againn an deach seo a dhèanamh mar ìobairt, gus nach b’ urrainn do luchd-seilbh nam ball-airm an cleachdadh anns an t-saoghal ri teachd, no an e dìreach gun deach an sgrios mar sgudal.
For #17 of #ScottishArchaeologyMonth, @mgknight24 has brought us a hoard of swords, spears and other objects which were gathered together, destroyed and deposited in Duddingston Loch in #Edinburgh.
Is this a pile of #BronzeAge scrap metal – or is there more to the story?
(1/9) pic.twitter.com/RqwPLZDB3T
— National Museums Scotland (@NtlMuseumsScot) 17 September 2018
9) BÀTA-TUMAIDH BHON DÀRNA COGADH ANN AN LODAINN AN EAR
A bheil ùidh agad ann an eachdraidh nam feachdan armaichte? Chaidh na bàtaichean-tumaidh seo bho àm an Dàrna Cogaidh a chleachdadh airson adhbharan trèanaidh agus tha iad air a bhith air acair ann an Tràigh Aberlady ann an Lodainn an Ear bho 1946. Faodaidh tu tadhal orra uair sam bith – a rèir na tìde-mhara. Chan eil ach aon bàta-tumaidh eile den t-seòrsa seo air fhàgail san t-saoghal, a tha ri fhaicinn (ann an staid beagan nas fheàrr) ann an Taigh-tasgaidh Bàtaichean-tumaidh a’ Chabhlaich Rìoghail ann an Gosport ann an Sasainn.
10) RÙINTEAN-DÌOMHAIR LINN ÙR NA CLOICHE ANNS NA H-EILEANAN SIAR
Ann an 2016, chaidh fianais inntinneach a lorg de dh’eileanan fuadain ann an lochan ann an Eilean Leòdhais. Chuidich criadhadaireachd a chaidh a lorg air grunnd an locha gus obrachadh a-mach gun deach na h-eileanan fuadain (no crannagan) a thogail ann an Linn Ùr Cloiche na h-Alba. ’S e lorg air leth cudromach a bha seo oir tha e a’ sealltainn gur dòcha gun deach crannagan a chleachdadh tòrr nas fhaide na bhathar an dùil roimhe.
AIR A SGRÌOBHADH LE MARIA GUNDESTRUP-LARSEN, OIFIGEAR PRÒISEACT AIG ÀRC-EÒLAS NA H-ALBA AND CÀNANAICHE PRÒIFEISEANTA, AGUS SALLY PENTECOST, DIG IT!
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
Chaidh an t-artaigeal seo a sgrìobhadh gus taic a chumail ri Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020-21




