TÒRR A BHARRACHD NA DÌREACH CLADHACH: A’ GABHAIL PÀIRT ANN AN ARC-EÒLAS COIMHEARSNACHD ANN AN ALBA (GHÀIDHLIG)
DÈ TH’ ANN AN ARC-EÒLAS COIMHEARSNACHD?
Tha arc-eòlas coimhearsnachd air a bhrosnachadh le coimhearsnachdan aig a bheil ùidh san àm a dh’fhalbh agus / no a tha dealasach mun ‘àite’ aca fhèin. Gu tric, tha na pròiseactan seo air co-òrdanachadh le buidheann arc-eòlais, eachdraidh no dualchais ionadail, uaireannan mar phàirt de dh’iomairtean nas motha co-cheangailte ris a’ chruth-tìre. Bidh iad a’ brosnachadh com-pàirteachadh agus a’ toirt seachad diofar chothroman do dhaoine a bhith a’ dol an sàs.
Bidh cuid de na buidhnean ag obair le buidheann de dh’arc-eòlaichean proifeiseanta, is dòcha buidheann coimeirsealta no buidheann proifeiseanta aig a bheil ùidh shònraichte ann an dualchas coimhearsnachd. Mar as trice, bidh na h-arc-eòlaichean a’ gabhail uallach airson na h-obair cladhaich agus airson nan aithrisean agus anailisean. Bidh iad cuideachd a’ toirt seachad innealan/uidheamachd agus trèanadh do chom-pàirtichean, agus gu tric bidh iad a’ lìbhrigeadh raon farsaing de ghnìomhachdan eile, leithid a bhith ag obair le sgoiltean, a’ lìbhrigeadh bhùithtean-obrach, agus a’ co-òrdanachadh prògram conaltraidh nas fharsainge.
Mar as trice, tha e saor ’s an-asgaidh a bhith a’ gabhail pàirt anns na pròiseactan seo oir gu tric, gheibh iad maoineachadh bho bhuidhnean a tha ag amas air coimhearsnachdan a neartachadh, leasachadh sgilean agus trèanadh a chur an comas, agus gus com-pàirteachadh ann an dualchas a bhrosnachadh.
DÈ SEÒRSA RUD A B’ URRAINN DHOMH DÈANAMH ANN AN ARC-EÒLAS COIMHEARSNACHD?
CLADHACH
Tha cladhach a’ gabhail a-steach a bhith a’ cladhach ann an raointean sònraichte de làrach arc-eòlais gus barrachd fhaighinn a-mach mu nàdar, cruth agus aois an àite. Nithear a’ mhòr-chuid de chladhach le trubhal ach cleachdar innealan nas truime leithid màdog (mattock le cumadh mar phiocaid) a tha air an cleachdadh gus gluasad nas luaithe tro thalamh domhainn far nach eil stuth cudromach buailteach a bhith ann. Cha mhòr nach eil e cinnteach nach bi agad ri bruis peant a chleachdadh!
Ma tha thu draghail gum bi cus obair chorporra ann, leig fios do na stiùirichean ro-làimh agus mar as trice, cuiridh iad latha/obair air dòigh a bhios freagarrach dhut.

Is e obair sgioba a th’ ann a bhith a’ cladhach air làrach mhòr iom-fhillte leithid Dùn Clach-tholl (© AOC)
A’ CLÀRADH
Thèid a h-uile rud a lorgar fhad ’s a thathar a’ cladhach a chlàradh gu faiceallach mionaideach. Bithear a’ tarraing dealbhan sgèile de na feartan le làimh, thèid dealbhan a thogail agus bithear fiù ’s gan clàradh ann an 3D a’ cleachdadh an teicneòlais as ùire.
’S e obair caran ’Marmite’ a th’ ann a bhith a’ dèanamh nan dealbhan – tha cuid uamhasach dèidheil air ach is beag air cuid eile e – ach tha e na phàirt riatanach den phròiseas cladhach. Chan e obair fhiosaigeach chruaidh a th’ ann a bhith ag obair air clàradh agus gu tric seo an obair as fheàrr le daoine nach eil comasach air obair fhiosaigeach chruaidh a dhèanamh.

A’ dèanamh planaichean agus dealbhan earrainn tro obair cladhaich air Monadh Craoibhe (Moncreiffe Hill) mar phàirt de Chom-pàirteachas Cruth-tìre Tatha (© AOC)
SUIRBHIDH TOMHAISTE
Tha a bhith a’ dèanamh planaichean ceart de làraichean aithnichte a’ cur gu mòr ris a’ chlàr arc-eòlach. Le bhith a’ mapadh nam feartan a tha rim faicinn air an talamh tha e nas fhasa an làrach a mhìneachadh, agus faodar a chleachdadh cuideachd gus sùil a chumail air rudan a bheir buaidh air an talamh, leithid bleith.
Gabhaidh suirbhidh a dhèanamh le làimh, a’ cleachdadh plèan-chàr (plane table) agus ribeanan-tomhais, no a bhith a’ cleachdadh na h-uidheamachd as ùire, leithid total station no GPS.

A’ dèanamh planaichean agus dealbhan earrainn tro obair cladhaich air Monadh Craoibhe (Moncreiffe Hill) mar phàirt de Chom-pàirteachas Cruth-tìre Tatha (© AOC)
SUIRBHIDH COISEACHD NA LÀRAICH AGUS FÌRINN NA TALMHAINN (’GROUND TRUTHING’)
Bithear a’ lorg làraichean arc-eòlais ùra fad an t-siubhail. Ann an suirbhidh coiseachd, dh’fhaodadh tu a bhith a’ lorg làraichean ùra sa chruth-tìre, a’ sgrùdadh feartan a chaidh a chomharrachadh far gur dòcha gu bheil làraichean arc-eòlach ann, no a bhith a’ sgrùdadh làraichean aithnichte. Faodar dealbhan a thogail agus sgeidsean a dhèanamh de làraichean a tha air an daingneachadh, no air làraichean arc-eòlach a dh’fhaodadh a bhith ann, cunntas a dhèanamh orra ann an clàr sgrìobhte, agus is dòcha an clàradh gu didseatach no ann an dealbh tomhaiste cuideachd.
Chaidh grunn làraichean ùra a lorg sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tro phròiseact coimhearsnachd air a stiùireadh le Comann Dualchais Bhaile a’ Chaisteil ann an Gallaibh, mar eisimpleir.

Le suirbhidhean coiseachd, dh’fhaodte gum bi agad ri deagh astar a choiseachd gu làraichean iomallach, ach nì thu tòrr charaidean ùra, càirdean crubhach, adharcach is eile! (© AOC)
A’ PRÒISEASADH AGUS A’ CLÀRADH RUDAN A CHAIDH A LORG
Gu tric, feumar rudan a lorgar a nighe, a thiormachadh agus a sheòrsachadh mus tèid an sgrùdadh is an clàradh. Nithear seo air an làraich fhèin uaireannan ach mar as trice, nithear a-staigh e. Feumar na rudan a chaidh a lorg a chlàradh cuideachd. Chlàraich shaor-thoilich na ceudan de rudan a lorg iad ann Dùn Clach-tholl ann an Gallaibh, mar eisimpleir tro bhith a’ cruthachadh clàr-sgrìobhte fa leth airson gach nì.

Saor-thoilich a’ clàradh na lorg iad bho Dhùn Clach-tholl (© AOC)
COISEACHD-ACHAIDH
Tha coiseachd-achaidh na dòigh-obrach airson fianais a lorg de dh’àiteachan far an robh daoine a’ fuireach san àm a dh’fhalbh tro bhith a’ coiseachd gu siostamataigeach tro achadh treabhte, a’ sganadh na talmhainn le sùil agus a’ togail nithean a chaidh a tharraing dhan uachdar leis an treabh.
Tha coiseachd-achaidh na dheagh dhòigh gus àiteachan a lorg far an do thachair rudan san àm ri teachd, le bhith a’ clàradh far an deach grunn diofar rudan a lorg timcheall air an aon àite, gu sònraichte innealan cloiche a tha a’ toirt dhuinn fianais chudromach mu na daoine a bha a’ fuireach ann an Alba ann an ro-eachdraidh thràth (mu 14,000 gu 2,000 bliadhna air ais).

A bheil thu bior-shùileach is tu comasach air clach snaidhte a mhothachadh anns a’ chlàbar? A’ coiseachd nan achaidhean aig Kimagadwood le Urras Dualchais Pheairt is Cheann Rois (© AOC)
MION-SGRÙDADH LIDAR
Bidh LiDAR (Light Detection and Ranging) a’ cleachdadh sganairean lasair gus modailean 3D a dhèanamh den chruth-tìre. Thèid an dàta a chruthaichear a chleachdadh gus dealbhan a dhèanamh de làraichean a th’ ann mar-thà no gus làraichean ùra aithneachadh. Gabhaidh an dàta a chleachdadh gus rudan a tha a’ fàs air an làraich a thoirt air falbh sna dealbhan, mar eisimpleir craobhan, raineach no conasg. Leis an teicneòlas seo, gabhaidh làraichean is feartan aithneachadh nach robh rim faicinn roimhe.
Bidh cuid de phròiseactan arc-eòlas coimhearsnachd a’ trèanadh chom-pàirtichean gus an dàta LiDAR a leughadh agus ag iarraidh orra coimhead tron dàta airson àite sònraichte, a’ feuchainn ri làraichean arc-eòlais ùr a lorg. Gabhaidh seo a dhèanamh aig an taigh a’ cleachdadh coimpiutair no tablaid àbhaisteach. Mar as trice, thèid seo a leantainn le suirbhidh coiseachd gus coimhead air na tha ri fhaighinn san àite an da-rìribh.
Tha com-pàirtichean ann am pròiseact ‘Machars Waterborne’ aig Urras Whithorn, mar eisimpleir, air na ceudan de làraichean ùra a chomharrachadh san dòigh seo.

Am mapa lìn eadar-ghnìomhach a chaidh a chruthachadh a’ cleachdadh dàta LiDAR – modalan 3D den chruth-tìre a chaidh a chruthachadh a’ cleachdadh dàta sgana lasair de na Machraichean bhon adhar (Urras Whithorn agus AOC)
DÈ AN OBAIR ÀRC-EÒLACH A BU CHÒIR DHOMH TAGHADH?
Tha tòrr dhòighean ann gus pàirt a ghabhail ann an arc-eòlas – chan fheum thu cladhach! Ma chluinneas tu mu phròiseact anns a bheil ùidh agad, cuir fios do na co-òrdanaichean agus faigh a-mach na tha a’ dol. Dh’fhaodte gum faigh thu cur-seachad ùr!
Agus ma tha thu airson tòiseachadh sa bhad, briog an seo airson pàirt a ghabhail ann an tachartasan arc-eòlach air-loidhne.
LE CHARLOTTE DOUGLAS, ÀRC-EÒLAICHE COIMHEARSNACHD AIRSON BUIDHEAN ÀRC-EÒLAIS AOC. THA CHARLOTTE AIR A BHITH AN SÀS ANN AN DEALBHADH, LEASACHADH AGUS LÌBHRIGEADH PRÒISEACTAN ARC-EÒLAIS IONADAIL AIRSON COMAINN IONADAIL, BUIDHNEAN COIMHEARSNACHD AGUS COM-PÀIRTEACHSAN CRUTH TÌRE AIR FEADH NA H-ALBA
Dealbh cinn/Header Image: A bheil dàna-thuras a dhìth ort? Dh’fhaodadh gun toir arc-eòlas coimhearsnachd thu gu àiteachan ris nach robh thu an dùil, mar eisimpleir dùn am measg seallaidhean iongantach Gleann Nibheis! Obair cladhaich ann an Dùn Deardail (© AOC)
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
