Menu

UISGE-BEATHA GU LEÒR! ARC-EÒLAS UISGE-BEATHA NA H-ALBA (GHÀIDHLIG)

UISGE-BEATHA GU LEÒR! ARC-EÒLAS UISGE-BEATHA NA H-ALBA (GHÀIDHLIG)

Tha sgeulachd an uisge-bheatha ann an Alba a’ dol air ais do na meadhan aoisean agus tha i loma-làn eachdraidh is poilitigs.

Tha arc-eòlaichean an latha an-diugh ag ionnsachadh barrachd mun dàimh fhada a th’ againn ri uisge-beatha na h-Alba, agus tha fianais air seo ri lorg fon talamh.

Gie It Laldie Fur Whisky! The Archaeology O Scotland’s ‘Watter O Life’ (Scots)

WHISKY GALORE! THE ARCHAEOLOGY OF SCOTLAND’S ‘WATER OF LIFE’(English)

NA CIAD STAILEAN

Chaidh staileadh uisge-beatha ann an Alba a chlàradh airson a’ chiad uair ann an clàr rìoghail ann an 1494, airson ochd bollaichean braiche a chaidh a thoirt dhan Bhràthair John Cor a bhiodh gu leòr gus 1,500 botal a dhèanamh. Cha b’ fhada gus an robh fèill mhòr air staileadh taobh a-muigh na cùirte rìoghail, ach nuair a thòisich cìs air uisge-beatha ann an 1644, chaidh stailean mì-laghail a thogail air feadh na dùthcha mar an tè a chithear san dealbh gu h-ìosal.

Eadar na 1760an agus na 1830an, b’ e a’ Ghàidhealtachd an t-àite a bu chudromaiche ann am malairt uisge-beatha mì-laghail na h-Alba. Ann an 1782, chaidh còrr air 1,000 staile mì-laghail a ghlacadh san sgìre.

Photo of a square opening in the side of a bank leading to a roofed chamber.

Seo ath-chruthachadh de stail mhì-laghail, falaichte ri taobh allt beag ann an Coille Obar Itheachan (Buidheachas airson an deilbh: Sylvia Duckworth bho Wikimedia Commons, CC BY-SA 2.0)

IOMAIRT NAN SEUMASAICH

Bha gràisgean uisge-beatha nam buidhnean dlùth stèidhichte ann an coimhearsnachdan no bho lìonraidhean eucorach stèidhichte. Aig deireadh an 17mh agus san 18mh linn, mhaoinich malairt uisge-beatha mì-laghail iomairtean nan Seumasach agus gnìomhachd poilitigeach air taobh na Frainge. Bha Clann Ghòrdan agus Clann MhicDhonnchaidh, nan teaghlaichean cùl-mhùtaireach mì-chliùiteach ann an Siorrachd Obar Dheathain, a bhiodh a’ giùlan bathar bho sgìrean a-staigh dhan tìr chun a’ chosta, gu tric ann an solas an latha agus ann an sealladh soilleir nan ùghdarrasan.

Bha cleasan aig a’ choimhearsnachd air fad gus na h-ùghdarrasan, aig nach robh ach beagan oifigearan, a mhealladh mun uisge-bheatha. A rèir sgeulachdan, bhiodh boireannaich a’ caitheamh ‘searragan-bronn’ dhà-ghalan air an dèanamh le duilleagan iarann ​​gus am biodh iad a’ coimhead coltach ri brù thorrach, bhiodh caismeachdan tiodhlacaidh fallsa a’ giùlan uisge-beatha ann an cisteachan no carbadan-tiodhlacaidh, agus bhiodh botail air am falach am broinn geòidh mharbha.

Photo of the foundations of a stone wall at the bottom of an archaeological trench.

Làrach Blackmiddens (Buidheachas airson an deilbh: Air a chleachdadh an seo le cead bho Urras na Cabraich)

“TÌR NA CÙL-MHÙTAIREACHD”

Tha a’ Chabrach na sgìre iomallach agus àrd ann an Siorrachd Obar Dheathain aig oir a’ Mhonaidh Ruaidh. Leis an fhar-ainm “Tìr na Cùl-mhùtaireachd”, b’ e staileadh agus giùlan uisge-beatha mì-laghail am prìomh adhbhar airson leasachadh eaconamach is sòisealta san sgìre fad ùine mhòr.

Aerial photo of an area of farmland with decaying buildings on it.

Làrach taigh-staile Blackmiddens (Buidheachas airson an deilbh: Air a chleachdadh an seo le cead bho Urras na Cabraich)

Ann an 2018, thòisich cladhach aig Blackmiddens, tobhta de thuathanachas anns a’ Chabraich air a’ chrìch eadar Moireibh agus Siorrachd Obar Dheathain. Thathar den bheachd gur e seo a’ chiad chladhach air taigh-staile beag traidiseanta. B’ e Blackmiddens fear de na ciad thuathanasan a fhuair cead uisge-beatha a dhèanamh às dèidh ‘Achd na Cìse-bathair’ ann an 1823 a rinn rud foirmeil de bhith a’ dèanamh uisge-beatha air sgèile bheag. ’S ann mar thoradh air seo a thàinig gnìomhachas uisge-beatha cruinneil an latha an-diugh gu bith. Ach, thàinig obair an uisge-bheatha ann am Blackmiddens gu crìch dìreach ochd bliadhna às dèidh dha tòiseachadh agus chaidh an tuathanas na dholaidh.

Black and white photo of an opening in a clearing.

Frith-thogalach far a bheilear den bheachd gun robh seann staile ann uair, Smearasaraidh, Mùideart, Siorrachd Inbhir Nis (Buidheachas airson an deilbh: Ian Whitaker, 1959. Air a chleachdadh le cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann).

Tha e coltach gu bheil na tha tobhtaichean aig na ceudan de stailean mì-laghail air fhàgail air feadh na Gàidhealtachd, agus gu sònraichte anns a’ Chabraich. Tha iad doirbh an aithneachadh, an dà chuid air sgàth ‘s gu bheil iad air crìonadh le tìde agus leis gun deach na stailean a thogail gus am biodh iad doirbh an lorg sa chiad dol a-mach. Is ann faisg air uillt anns na beanntan, le beagan bhallachan cloiche ìosal air an togail ri taobh balla talmhainn, a bu dòcha an lorg.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh as ùire mu eachdraidh uisge-beatha na h-Alba an seo.

LE SALLY PENTECOST, OIFIGEAR CONALTRAIDH IS THACHARTASAN, DIG IT!

Header Image: Air a chleachdadh an seo le cead bho Urras na Cabraich


Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig

 

 

 

 


Uncover More