CAISTEALAN AIR A’ CHOSTA: CÒIG CAISTEALAN ALBANNACH RI TAOBH NA TRÀGHAD LE ARC-EÒLAS AIR LETH (GHÀIDHLIG)
Tha tòrr de na caistealan as iomraitiche agus leis na sgeulachdan às fheàrr a’ seasamh ri taobh na mara no ri taobh aibhnichean. Airson romansachd le R-mòr, a bheil rud sam bith ann cho math ri caisteal air mullach bearradh mun deach deagh sgeulachdan a sgrìobhadh, agus far an cluinnear fuaim nan tonn a’ bualadh air a’ chladach gu h-ìosal? Seo còig caistealan Albannach – a-mach às na ceudan dhiubh – a tha ri taobh an uisge agus anns an deach ulaidhean arc-eòlach a lorg.
Caisteal Dhùn Fhoithear
Suidhichte dìreach taobh a-muigh Stonehaven air dòrn de chreig a tha ag èirigh bhon Chuan a Tuath, tha Caisteal Dhùn Fhoithear a’ coimhead mar rudeigin a-mach à sreath TBh fantasachd! Chan eil teagamh sam bith nach e Dùn Fhoithear aon de na h-inneanan air an deach cruth a bhualadh air Alba. Ann an AD 934, nuair a bha Alba agus Sasainn nan dùthchannan òga, rinn Aethelstan Rìgh Wessex sèist air Còiseam (Constantine) II, Rìgh na h-Alba an seo. Ma bheir thu sùil luath air Dùn Fhoithear, chì thu cho duilich ’s a bhiodh seo! Ghèill Còiseam ri Righ Shasainn às dèidh na sèiste ach cha do mhair an aonta agus thug na h-Albannaich ionnsaigh nach robh soirbheachail air Rìoghachd Aethelstan trì bliadhna às dèidh seo.

Caisteal Dhùn Fhoithear (Dealbh le David Weinczok)
Bha an caisteal a tha na thobhta an-diugh na dhachaigh dhan teaghlach Keith às dèidh sin, a bha nam Marasgal dùthchasach na h-Alba le uallach airson an t-Suaicheantais Rìoghail – crùn, claidheamh agus slat-rìoghail. Gu h-ainmeil, bha an Suaicheanta Rìoghail ga chumail ann an Dùn Fhoithear nuair rinn airm Oilibhear Chrombail, sèist air an togalach le gunnaichean-mòra. Thug còignear bhoireannach, Christian Fletcher, Mary Erskine, a‘ Bhan-iarla Marischal, Ealasaid Douglas, agus Anne Lindsay iad a-mach iad gu dìomhair, dìreach a’ coiseachd tro loidhnichean Chrombail.
Tha làrach arc-eòlais eile a cheart cho inntinneach air a’ chosta beagan a tuath air Dùn Fhoithear. Tha arc-eòlaichean air faighinn a-mach gur e Dunnicaer (Dùn na Cathrach), stac mara a bha uair ceangailte ri tìr-mòr, an dùn Cruithneach as sine (a tha sinn air lorg gu ruige seo) ann an Alba. Gu ruige seo, chaidh còig clachan Chruithneach a lorg cho math ri rampair agus fianais air coimhearsnachd bheothail air nach eil sgeul an-diugh.
Caisteal Dhùn Naomhaig
Chanar gu tric gur e Ìle cridhe beò Tighearnas nan Eilean, fo-rìoghachd mara le cumhachd bho Mhaol Chill Tìre gu Rubha Robhanais. Agus mas fhìor sin, tha fios gur e Dùn Naomhaig tè de na cuislean a bh’ aige! Bha Dùn Naomhaig, a tha na sheasamh mar lòchran aig mullach creig ann am Bàgh Lag a’ Mhuilinn – far a bheil thaigh-staile Lagavulin an-diugh cuideachd le fàileadh a bhios a’ sèideadh a-null dhan chaisteal – na dhachaigh do dh’Aonghas Òg Dòmhnallach, a bha na chaidreabhach aig Raibeart Brus.

Caisteal Dhùn Naomhaig (Dealbh le David Weinczok)
Gu dearbh, far a bheil Dòmhnallach agus an caisteal aca ann, tha a h-uile coltas gum bi Caimbeulach a’ feuchainn ri a thoirt bhuaithe (agus an caochladh, airson a bhith cothromach). Bha còmhstri eadar na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich airson seilbh air a’ chaisteal tràth san 17mh linn. Nochd fianais mun chòmhstri seo ann an cruth seala laghail leis an deit 1593 agus leis an ainm Laideann IOANNIS CAMPBELL DE CALDER a chaidh a lorg sa chaisteal ann an 2018. Ghlac CALADAIR (Beurla – Calder/Cawdor) an caisteal ann an 1615 ach bha aige agus aig a luchd-dàimh Caimbeulach ri teicheadh bho fhearg Sir Alasdair Dòmhnallach, gaisgeach Chlann Dòmhnaill a bha ainmeil airson gairge. Cha do mhair làithean geala an Dòmhnallaich ro fhada, ge-tà oir bha aige ri gèilleadh ann an 1647 agus chaidh a chrochadh bho bhallachan a’ chaisteil.
Caisteal Bhruachaidh
Air a thogail gus Linne Tatha, a tha dìreach beagan mhìltean an ear air Dùn Dè, a dhìon, tha Caisteal Bhruachaidh nas ainmeile airson mar nach robh e èifeachdach. Thug a mhaighstir am Morair Gray taic ri ionnsaigh air Alba ann an 1547 an aghaidh Màiri, Banrigh na h-Alba, agus air 20 Sultain chaidh an caisteal a thoirt do dh’arm Shasainn a bha air ùr bhuannachadh an aghaidh nan Albannach aig Blàr Pinkie. Chaidh aig na h-Albannaich, le taic Fhrangach, air a ghabhail air ais ach chaidh milleadh mòr a dhèanamh air an sgìre – chaidh suas ri aon às gach deichnear fhireannach, boireannach, agus pàiste ann an Dhùn Dè agus Bruachaidh a chur dhan chlaidheamh. Dìreach beagan is ceud bliadhna às dèidh sin chuir an Teaghlach Gray taic ris na Rìoghairean aig àm Cogadh Catharra Shasainn, rud a thug aig na Pàrlamaidich ionnsaigh a thoirt air. Dh’fhalbh na Grays mus deach gunna sam bith a losgadh. Tha e coltach gur e uallach seach buannachd a bh’ anns a’ chaisteal a thaobh dìon na h-Alba, agus gun robh seo fìor barrachd is aon turas!

Caisteal Bhruachaidh (© VisitScotland / Kenny Lam)
Chaidh Caisteal Bhruachaidh ath-thogail mar an gearastan nas ùire a chì thu an-diugh, ged a tha mòran den tùr tùsail ann fhathast agus is fhiach sùil a thoirt air an taigh-tasgaidh na bhroinn. Leis an eachdraidh bhuaireasach aig Bruachaidh, is dòcha nach eil e na iongnadh gun deach ball-canain, is dòcha bho shèist 1651, a lorg ann an 2016 nuair a bhathar a’ dèanamh obair-ghleidhidh air siostam òtrachais a’ chaisteil. Dè na rùintean dìomhair eile a dh’fhaodadh a bhith air falbh shìos san drèana?
Caisteal Baile Bhòid
Bha còmhstri eadar rìoghachdan na h-Alba agus Nirribhidh mu shealbh Baile Bhòid ann an Eilean Bhòid. Anns an 13mh linn, cha mhòr nach robh an t-uisge a’ ruigsinn ballachan a’ chaisteil, a’ leigeil leis na Lochlannaich fo stiùir Haakon IV arm mòr a thoirt air tìr an seo ann an 1230 agus ionnsaigh a thoirt air na ballachan. Tha aon chunntas ag innse dhuinn mar a gheàrr na Lochlannaich tro na ballachan leis na tuaghan-chatha mòra aca, rud a shaoilear a bhiodh do-dhèanta, ach tha cuid ag ràdh gur dòcha gu bheil sgoltadh mòr sa bhalla cùirteir a tha fhathast ri fhaicinn na dhearbhadh.

Caisteal Baile Bhòid (Dealbh le David Weinczok)
Ann an 1816 chaidh crois-leac cloiche snaighte àlainn a lorg taobh a-staigh a’ chaisteil, as urrainnear faicinn ri taobh mòran de nithean eile bho eachdraidh bheairteach an eilein ann an Taigh-tasgaidh Bhòid tarsainn na sràide.
Caisteal Tioram
Tha daingneach Chlann Raghnaill, Caisteal Tioram na sheasamh air dòirlinn far a bheil Abhainn Seile a’ dol a-steach gu Loch Mùideart. Tha an sgìre seo gu math creagach, ach cha robh seo na dhuilgheadas do mhuinntir an àite. Dh’fhaodadh gum bi e iomallach bho shealladh a bhith a’ siubhal air rathaidean ach le bàta làidir dh’fhaodadh neach seòladh gu Innse Gall, Èirinn, no timcheall a’ Phairbh gu Arcaibh ann am beagan is latha. Abair gu bheil sin goireasach!

Caisteal Tioram (Dealbh le David Weinczok)
Tha gu leòr sgeulachdan ann mu Chaisteal Tioram! Dh’fhaodadh gun do ghabh Raibeart Brus fasgadh an seo fo dhìon Cairistìona NicRuaraidh – bean-uasal Albannach sa 14mh linn agus prìomh bhall de Chlann Ruaidhrí – nuair a bha e a’ teicheadh mar rìgh fon choill. Agus a bharrachd air seo, bha Iain, an 12mh ceann-cinnidh air Clann Raghnaill, cho an-iochdmhor is gun cuireadh e nàire air Ramsay Bolton ann an Game of Thrones. Bha e a’ còrdadh ris gu mòr a bhith a’ losgadh a ghunna, air an robh ‘A’ Chuthag’, air duine sam bith a rachadh seachad air. Thoisich losgann mòr dubh ga leantainn dhan a h-uile àite. Nuair a sheòl Iain gu Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, bha an losgann a’ feitheamh ris air a’ chladach. Dh’fhuirich e còmhla ri Iain gu leabaidh a bhàis, nuair a rinn coileach gairm trì tursan – coltach ri fuaim a ghunna – a’ gairm a bhàs.
Tha Caisteal Tioram na thobhta a-nis agus tha e ro chunnartach a dhol a-steach, ach chaidh bobhla crochte bhon 5mh chun 8mh linn a lorg na bhroinn, a’ sealltainn gun robh an làrach ga chleachdadh fada mus robh‘ Alba fiù ’s ann.
Eil thu deiseil a dhol seachad air geataichean a’ chaisteil? Faigh a-mach mu bharrachd arc-eòlas air leth ann an Alba a rèir sgìre.
LE DAVID C. WINCZOK, SGRÌOBHADAIR, PREASANTAIR AGUS NEACH-LABHAIRT AIG A BHEIL EÒLAS SÒNRAICHTE AIR EACHDRAIDH ÀRSAIDH AGUS MEADHAN-AOISEIL NA H-ALBA, AGUS GU SÒNRAICHTE AIR CAISTEALAN SGRIOBH E “THE HISTORY BEHIND GAME OF THRONES: THE NORTH REMEMBERS AND BIDH E A’ SGAOILEADH NAN SGEULACHDAN AIGE ANN AN EACHDRAIDH NA H-ALBA MAR @THECASTLEHUNTER.
Dealbh brosnaichte: Dhùn Fhoithear (© VisitScotland / Kenny Lam)
Chaidh an t-artaigeal seo a sgrìobhadh gus taic a chumail ri Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020-21
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig
